"Deatamach" nach dùin Oifis Puist Steòrnabhaigh

Oifis a' Phuist an SteòrnabhaghTùs an deilbh, Google
  • Air fhoillseachadh

Thuirt BP nan Eilean Siar gu bheil e "deatamach" nach dùin Oifis Puist Steòrnabhaigh is gum bu chòir coimhead ris a h-uile roghainn eile a th' ann.

Thàinig e am bàrr Diciadain gu bheil Oifis a' Phuist a' coimhead ri suas ri 115 de na h-oifisean puist aca feadh na dùthcha a dhùnadh.

'S iad seo na h-Oifisean Puist Crùin a tha fhathast le Oifis a' Phuist fhèin.

Ged a tha còrr air 11,000 oifis puist air feadh na Rìoghachd Aonaichte, 's ann tro franchise a tha a' mhòr-chuid gan ruith, is dìreach na h-Oifisean Crùin - na h-oifisean mòra a tha mar as trice air àrd-shràidean na dùthcha - a tha Oifis a' Phuist fhèin a' ruith.

Tha mu 1,000 duine ag obair annta gu nàiseanta.

Am measg nan Oifisean Crùin tha Oifis a' Phuist air Sraid Fhrangain ann an Steòrnabhagh agus prìomh oifis Inbhir Nis air Slighe na Banrigh ann am meadhan a' bhaile.

Thuirt cathraiche ùr Oifis a' Phuist, Nigel Railton, gu bheil an saoghal air atharrachadh agus gu bheil farpais bho chompanaidhan eile agus daoine a' postadh nas lugha de litrichean a' toirt droch bhuaidh orra.

Thuirt e gu bheil feum air "tòiseachadh às ùr" le modail ùr.

Nochd mì-thoileachas mun chùis mar-thà, ge-tà.

Thuirt aonadh an CWU gu bheil e "mì-mhoralta" am plana a chur air adhart aig àm nuair a tha rannsachadh mu sgainneal IT Horizon a' leantainn.

A' bruidhinn ann an Taigh nan Cumantan Diciadain, thuirt BP nan Eilean Siar, Torcuil Crichton, gun tèid strì a dhèanamh an aghaidh nam planaichean aig ìre ionadail is nàiseanta.

"Tha dragh mòr orm gu bheil Oifis Steòrnabhaigh air an liosta seo", thuirt Mgr Crichton.

"Tha mi ag iarraidh air a' mhinistear dèanamh cinnteach gum bi cothrom aig eileanaich air seirbheisean Oifisean Puist Crùin aghaidh ri aghaidh.

"Tha e deatamach gun tèid na seirbheisean a ghlèidheadh agus feumar coimhead air a h-uile roghainn eile a th' ann seach an oifis a dhùnadh", thuirt e.