Oifigearan sònraichte a' coimhead airson deugaire a tha a dhìth

Aleksandr BengaTùs an deilbh, Poileas Alba
  • Air fhoillseachadh

Tha oifigearan sònraichte à Obar Dheathain agus Inbhir Nis a' cuideachadh leis an iomairt gus lorg fhaighinn air deugaire a chaidh a dhìth ann an Leòdhas bho chionn ceithir là.

Chunnacas Aleksandr Benga, 16, mu dheireadh sa Ghearradh Chruaidh madainn Diluain mu 08:45m.

Chaidh iarraidh air daoine timcheall air Steòrnabhagh sùil a thoirt air seadaichean agus togalaichean eile, feuch a bheil e a’ gabhail fasgaidh annta.

Dh'iarr na poilis air a' mhòr-shluagh cuideachd coimhead ri CCTV ma tha sin aca feuch an do thog an siostam aca dealbhan de Aleksandr.

Rinn na poilis tagradh airson deilbh CCTV de AleksandrTùs an deilbh, POILEAS ALBA

Chaidh a ràdh gu bheil an deugaire 6tr. is 2òir. a dh'àirde agus gu bheil e caol le falt goirid donn.

Nuair a chaidh Aleksandr fhaicinn mu dheireadh bha geansaidh bèis air, dìnichean dubha, agus dh'fhaodadh gu bheil seacaid dhearg aige.

Thuirt na poilis gu bheil beachd nas fheàrr aca a-nis càite an robh Aleksandr mus deach e dhan Ghearradh Chruaidh an dèidh dhaibh coimhead ri deilbh CCTV agus bhideothan bhon mhòr-shluagh, ach nach eil fhios aca fhathast càite an deach e às dèidh sin.

Tha na poilis fìor dhraghail mu shàbhailteachd a' bhalaich, agus dh'iarr iad air Aleksandr fhèin fios a thuca ma chì e an tagradh aca.

Bu chòir duine sam bith le fiosrachadh brath a chur gu Poileas Alba air 101.