Dithis sa chùirt an co-cheangal ri cùis san deach ban-phoileas a leòn

Carbad-poilis
  • Air fhoillseachadh

Nochd dithis fhireannach ann an Cùirt an t-Siorraidh an Inbhir Nis Diluain ann an co-cheangal ri mar a chaidh càr a ghoid agus mar a bhuail e ann an carbad-poilis air an A82 faisg air Inbhir Nis.

Chaidh ban-phoileas fhàgail 's i air a droch leòn, agus chaidh oifigear fireann a ghoirteachadh cuideachd.

Chaidh fios a chur gu na poilis goirid an dèidh 5:00f na Sàbaid gun deach Subaru Forester airgid a ghoid ann an Inbhir Pheofharain.

Beagan às dèidh sin fhuair iad aithrisean gun robh càr ga dhràibheadh gu cunnartach air an A82 deas air Inbhir Nis.

Thòisich na poilis a' dol às dèidh a' charbaid leis gun do dh'fhaillich orra stad a chur air.

Bhuail an Subaru an uair sin ann an carbad-poilis agus chaidh oifigear boireann fhàgail feumach air cùram ospadail 's i air a droch leòn. Chan eil i ann an cunnart a beatha.

Chaidh oifigear fireann cuideachd a ghoirteachadh ach chan ann gu dona.

Bha an rathad dùinte airson uair de thìde fhad 's a bhathar a' toirt air falbh na carbadan.

Nochd dithis an Cuirt an t-Siorraidh an Inbhir Nis Diluain an co-cheangal ris a' chùis.

Tha Iain Grannd, 29, à Inbhir Nis, fo chasaidean goid, eucoirean dràibhidh agus ionnsaigh.

Cha do rinn e tagradh agus chaidh e a chumail an greim.

Tha Raibeart MacAlasdair, 42, a bhuineas do sgìre Rois is Chromba, fo chasaidean goid agus eucoirean dràibhidh.

Cha do rinn e tagradh agus chaidh a leigeil mu sgaoil air urras.