Deuchainnean Marmara an MV Isle of Islay

- Air fhoillseachadh
Chaidh an dàrna seata de dheuchainnean mara a dhèanamh leis an Isle of Islay - am bàt'-aiseig a bhios a' frithealadh na slighe eadar Ìle agus Ceann na Creige.
Bha na deuchainnean ann am Muir Marmara eadar Diciadain 16mh den Iuchair agus Là na Sàbainn an 20mh den mhìos.
Chaidh an soitheach a thogail aig gàrradh Cemre Marin Endustri ann an Yalova anns an Tuirc.
Chaidh a' chiad dheuchainn a chumail an sin anns a' Chèitean 2025.
Am measg na chaidh a dhèanamh an turas seo, bha deuchainnean air siostam hybrid an t-soithich.
Thuirt Jim Anderson, Stiùriche nan Soithichean aig CMAL gur e ceum cudromach air adhart a bha seo agus gu bheil sgioba Cemre air adhartas math a dhèanamh le bhith togail an t-soithich do dh' eileanan Ìle is Diùra.
'S e an MV Isle of Islay a' chiad bhàta de cheithir a tha Cemre a' togail do CMAL.
Bha dùil gum biodh an soitheach deiseil aig deireadh 2024 ach chaidh dàil a chur sa chùis gu toiseach 2025.
Chaidh innse sa Ghearran 2025 gum biodh an soitheach air dheireadh a-rithist.
Choirich an gàrradh buaidh cogadh san Ucràin air stàilinn, ionnsaighean Houthi sa Mhuir Ruadh agus crith-thalmhainn anns an Tuirc is Siria ann an 2023 airson na dàil, am measg rudan eile.
Tha an soitheach air ais aig cidhe ghàrradh Cemre agus obair a' dol air adhart na broinn.
Thuirt CMAL gu bheil dùil a-nise ris an MV Isle of Islay ann an Alba anns an treas cairteal de 2025.
- Air fhoillseachadh27 An Cèitean
- Air fhoillseachadh3 Am Màrt
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh16 Am Màrt 2024