Caledonian Isles a-mach à seirbheis suas ri ceithir mìosan eile

- Air fhoillseachadh
Tha an MV Caledonian Isles - aiseag eilean Arainn - gu bhith a-mach à seirbheis eadar ochd seachdainnean is ceithir mìosan eile.
Dhearbh Caledoniain Mac a' Bhruthainn gun till an soitheach dhan doc airson obair-chàraidh a thòisicheas an ath sheachdain.
Thuirt CalMac air a mhìos a dh' fhalbh gun robh e do-dhèanta dhaibh a ràdh dè cho fad 's a bhiodh am bàta air falbh agus obair ga dhèanamh air a' ghearbox.
Chan eil am bàt'-aiseig air luchd-siubhail a' ghiùlain bhon Fhaoilleach 2024 agus sreath de rudan ceàrr oirre agus chaidh cha mhòr £11m a chosg a' feuchainn ri chuir ceart.
An dèidh deuchainnean mara, nochd trioblaid le cothromachd a tha a' toirt buaidh air na propealairean.
Tha plana ann obair-chàraidh a dhèanamh ann an dà earrann. An toiseach, tha dùil aca na pàirtean a thoirt às a chèile san doc feuch an gabh a chuir ceart.
Aig a' cheart àm, thèid sisotam ùr a dhealbh airson an trioblaid a cheartachadh ach tha trì mìosan a dhìth airson 's gun tèid na pàirtean a dhèanamh agus òrdanachadh. Mar sin, dh' fhaodadh an obair sin maireachdainn suas ri ceithir mìosan.
Thèid an siostam ùr a chuir an sàs aig àm a' chàraidh bhliadhnail, ma bhios a' chiad phàirt den obair soirbheachail san doc.
Thuirt Duncan Mackison, Àrd-oifigear ChalMac gum faodadh gun till an soitheach san t-Sultain ach gur dòcha gun till i anns an t-Samhainn aig a' char as fhaide.
Thuirt e gun deighedh clàran-ama a' gheamhraidh fhoillseachadh a dh' aithghearr agus gun robh iad airson gealltanasan a thoirt do choimhearsnachdan agus do luchd-siubhail air ìrean seirbheis agus càit' am biodh diofar shoithichean tron gheamhradh.
Thuirt CalMac cuideachd nach toireadh an naidheachd buaidh air na seirbheisean aca anns an spot seach nach robh an MV Caledonian Isles anns na planaichean aca airson na seachdainnean a th' air thoiseach co-dhiù.
Tha am bàta gu bhith a-mach a seirbheis bho 28mh den Iuchair 2025.
Bi i dol eadar Àird Rosain is Tràigh a' Chaisteil nuair a thilleas i gu seirbheis.
- Air fhoillseachadh13 An t-Ògmhios
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh22 An Gearran 2024