Buill ùra CMAL: "An slaic as ùire do choimhearsnachdan eileanach"

Fo-thiotal a’ bhidio,

'Ath-leasachadh a dhìth' air mar a tha buill gan cur air bùird Chal Mac agus CMAL a rèir Chathraiche Comataidh Còmhdhail agus Bun-structair Chomhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan.

  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle nan Eilean Siar air iarraidh gun tèid crathadh gu tur a thoirt air mar a tha daoine gan taghadh do bhùird CMAL is CalMac.

Thàinig seo is Riaghaltas na h-Alba air dithis bhall ùra a chur air bòrd CMAL, taobh a-muigh an t-seachdain seo chaidh.

Tha an dà chuid Stuart Cresswell is Mark Tarry stèidhichte air tìr-mòr.

A' foillseachadh na naidheachd aig an àm, thuirt Rùnaire na Còmhdhail Fiona Hyslop gun robh i mothachail gum feum an Riaghaltas "barrachd a dhèanamh gus dèanamh cinnteach gu bheil barrachd dhaoine às na h-Eileanan air bòrd CMAL is bùird eile - agus gnothaichean eile mar bharrachd bhoireannach."

Thuirt i cuideachd gu bheil i a' tuigsinn carson a tha iarrtas ann gum bi guth eileanach nas motha air bùird aiseig, is gu bheil oidhirp a' leantainn gus daoine le eòlas air a bhith a' fuireach is ag obair ann an eileanan - agus aig a bheil an t-eòlas òbrach riatanach - a bhrosnachadh gus cur a-steach 'son àite air na bùird.

Thuirt i cuideachd gu bheil Stuart Cresswell is Mark Tarry a' toirt eòlas fharsaing do bhòrd CMAL.

Ach bha an naidheachd na bristeadh-dùil mòr do Chomhairle nan Eilean Siar, a bha mar-thà air sgrìobhadh chun na rùnaire is iad ag ràdh gun robh iad a' coimhead ris na h-obraichean seo mar dheuchainn a thaobh an robh an Riaghaltas dha-rìribh 'son barrachd eileanach a chur air bùird.

Thuirt iad gur e seo "an slaic as ùire do choimhearsnachdan eileanach".

"Tha sinn mothachail gu bheil beachdan poilitigeach a' dol mu chathraiche a tha stèidhichte ann am Manchester a bhith air GB Energy, nuair a tha Riaghaltas na h-Alba gu cunbhalach air fàiligeadh eileanaich a chur air bùird chompanaidhean leotha a th' ann à-mhain gus eileanan a fhrithealadh," thuirt cathraiche còmhdhail CnES, Ùisdean Robasdan.

"A thaobh CMAL, tha fios againn gun robh tagraichean fìor mhath a tha a' fuireach is ag obair nar coimhearsnachdan ann is nach d' fhuair cothrom.

"Chan eil e math gu leòr is tha an t-àm ann crathadh a thoirt air a' phròiseas, is tha sinn ag iarraidh air ministearan seo a thoirt air adhart còmhla ri ùghdarrasan ionadail eileanach."

Thuirt CNES gu bheil feum air am pròiseas atharrachadh gu tur 'son CMAL is CalMac, is gun tèid a dhealbh às ùr le eileanaich, is le eileanaich an sàs ann an agallamhan 'son nan obraichean, is gealltanas air cuota de dh'eileanaich air a h-uile bòrd.