Cookin' leams' a dh'Èirisgeigh
- Air fhoillseachadh
Tha reasabaidhean co-cheangailte ri Èirisgeigh gan sireadh airson leabhair ùir a thèid fhoillseachadh an ath-bhliadhna.
Tha Comann Eachdraidh Èirisgeidh ag iarraidh cluinntinn bho dhaoine aig a bheil reasabaidhean ceangailte ris an eilean, ged a b' e biadh, bonnach no briosgaid a bhiodh ann.
'S ann airson airgead a thogail airson seann sgoil an eilein a leasachadh a tha an leabhar ga chur ri chèile.
A bharrachd air na reasabaidhean fhèin, bidh dealbhan de na daoine às an tàinig iad, agus sgeulachdan nan reasabaidhean an cois an leabhair.
Tha deannan air fios a chur air a' Chomann Eachdraidh mar thà, agus ro-òrdan a-staigh cheana airson an leabhair bho thaobh thall an t-saoghail - gun fiù 's cinnt fhathast dè an t-ainm a bheir iad air.
"Beachd a bh' aig dhà no trì againn bho chionn ghoirid gum biodh e math leabhar a chur ri chèile le reasabaidhean co-cheangailte ri eilean Èirisgeigh, sàilleibh, tha tòrr às an àite gu math ainmeil a thaobh reasabaidhean," thuirt Veronica NicFhionghain, a tha an sàs sa phròiseact.
"Tha bileagan aig a h-uile duine a-staigh agus bidh sinn a' faighinn reasabaidhean bho dhaoine eadar-dhealaichte.
"Ach dè mu dheidhinn an ath ghinealaich? Am bi na reasabaidhean sin fhathast a' dol?
"Tha gnothaichean ag atharrachadh cho mòr 's tha daoine ag ithe biadh cho diofraichte an-diugh," thuirt i.
B' e cafaidh na sgoile fhèin fear de na cidsinnean às an tàinig reasabaidh a tha gu bhith san leabhar.
"Tha na sgonaichean aig Ceit Bean Dhòmhnaill Eachainn nach maireann, a b' àbhaist a bhith ag obair anns a' chanteen an Èirisgeigh 's on iomadh bliadhna agus tha iad dìreach eireachdail, agus tha an reasabaidh sin agam 's bidh daoine a' cleachdadh an reasabaidh," thuirt Veronica.
"Bhithinnsa a' dol sìos a choimhead oirre còmhla ri mo sheanmhair.
"Mo sheanmhair, Bean Steafain, Màiri Agnes, 's e an duff aicese a tha ainmeil agus bidh mise a' dèanamh an duff a tha sin Oidhche Chullaig a h-uile bliadhna.
"Tha e math rudan mar sin a chumail a' dol.
"Cuideachd bidh mi a' dèanamh stùghain anns an sgoil aig àm Fèill Mhìcheil, agus fhuair mi an reasabaidh sin bho chuideigin à Beinn nam Fadhla, ach tha iad ag ràdh gur ann à Èirisgeigh a tha an reasabaidh agus gur e Mairead Eachainn a rinn sin.
"'S e reasabaidh gu math annasach a th' ann - dìreach cupa mine agus spàinn margarain, ach tha e ag obrachadh a h-uile turas."
Tha daoine mar thà a' dèanamh fiughair ris an leabhar, 's chan ann an Èirisgeigh a-mhàin.
"Cheana tha sinn air ro-òrdan fhaighinn bho Astràilia," thuirt Veronica.
"Tha dùil againn gum bi an leabhar deiseil an ath-bhliadhna. 'S dòcha as t-Samhradh.
"Aig an ìre seo tha sinn an dòchas na reasabaidhean fhaighinn ron Nollaig, agus an uair sin taghadh a dhèanamh dè an fheadhainn a tha freagarrach - feadhainn traidiseanta, feadhainn seann-fhasanta, agus rudan car ùra agus annasach cuideachd.
"Blas dhan a h-uile duine.
"Tha sinn air deagh chuid de reasabaidhean fhaighinn anns a' phost agus air an eadar-lìon.
"Agus nach d' fhuair mi fhìn reasabaidh agus blas de ghranola bars anns a' phost an-dè, a chuir a' bhean aig mo bhràthair thugam.
"Tha sinn air tòrr rudan milis fhaighinn. Bèicearachd. Ach bhiodh e math cuideachd biadh traidiseanta fhaighinn a bhios daoine ag ithe a h-uile là.
"Feumaidh sinn fhathast ainm fhaighinn airson an leabhair.
"Bhiodh e math 's dòcha rudeigin fhaighinnn ann an Gàidhlig - Blas Èirisgeigh? Èilean na h-Òige?
"Chan eil sìon a fhios a'am. Ach ma tha beachd sam bith aig duine faodaidh sibh leigeil fios thugainn."