Ben-My-Chree ga diùltadh
- Air fhoillseachadh
Cha ghabh Caledonian Mac a' Bhriuthainn bàt-aiseig air iasad à Eilean Mhanainn airson faochadh a thoirt do lìonra a' chosta an iar.
An dèidh dheuchainnean cala air slighe Eilean Arainn, fhuaireas nach eil an MV Ben-my-chree freagarrach.
Chaidh aig a' Bhen-My-Chree air ceangal ris a' chidhe anns an Truthail agus ann am Brodhaig, ach cha robhar ga meas sàbhailte gu leòr airson cidhe Bhrodhaig, agus i nas leatha na soithichean ChalMac.
'S ann leis an Isle of Man Steam Packet Company a tha an soitheach, a tha ga cleachdadh mar shoitheach a bharrachd a ghabhas àite bhàtaichean a tha feumach air càradh.
Bha CalMac an dòchas a faighinn air iasad airson cuideachadh le seirbheisean a chumail ri slighean a' chosta an iar air a' gheamhradh seo nuair a bhios soithichean gan càradh no a-mach à seirbheis air adhbharan eile.
Thuirt CalMac gu bheil geamhradh gu math dùbhlanach romhpa, agus gun robh am Ben-my-chree air soitheach a shaoradh far shlighean Eilein Arainn airson cuideachadh air slighean eile.
Seo agus bàta Arainn, an MV Caledonian Isles, air a bhith a-mach à seirbheis bhon Ghearran 's i ga càradh, agus an MV Hebridean Isles gu bhith ga toirt à seirbheis buileach air an ath-mhìos.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh29 An Dàmhair