Poilis ag iarraidh fiosrachaidh an dèidh droch thubaist-rathaid san Eilean Sgitheanach

- Air fhoillseachadh
Tha na Poilis san Eilean Sgitheanach ag iarraidh fiosrachaidh an dèidh droch thubaist-rathaid faisg air an t-Sruthan.
Thachair an tubaist air an A863 mu 5:40f Diciadain eadar BMW 118 gorm, Nissan Navara airgid agus bhana Man TGE glas.
Thugadh fireannach aois 64, a bha a' dràibheadh an Nissan Navara, a dh'Ospadal Oilthigh na Banrigh Ealasaid ann an Glaschu le heileacoptair 's e air fhìor dhroch ghoirteachadh. Chan eil e ann an cunnart a bheatha ge-tà.
Chaidh an rathad a dhùnadh fhad 's a rinn na Poilis rannsachadh ach chaidh fhosgladh a-rithist mu 8:00f.
"Tha an rannsachadh againn a' leantainn feuch dè dìreach a thachair san tubaist seo, agus dh'iarrainn air duine sam bith a chunnaic e fios a chur oirnn," thuirt na Poilis.
"Cuideachd, ma tha dràibhearan le dealbhan dashcam a bh' anns an sgìre timcheall air an àm a thachair an tubaist, dh'iarramaid orrasan tighinn air adhart gar cuideachadh."
Faodar fios a chur air na Poilis air an àireimh-fòna 101 a' toirt seachad na h-àireimh-cùise 2898 den 14mh là den Chèitean 2025.