Rabhadh gu bheil uisge a' fàs gu math gann an Alba

- Air fhoillseachadh
Tha Uisge na h-Alba air rabhadh a thoirt do dhaoine gun a bhith a' cleachdadh cus uisge.
Seo is Sepa air innse gu bheil còrr is fichead sgìre faisg air aibhnichean mòra a-niste gann de dh'uisge.
Leis cho tioram, grianach 's a tha an aimsir air a bhith o chionn mu dhà mhìos a-niste, cha deach stòras uisge na talmhainn ùrachadh mar as àbhaist a thachradh as t-earrach.
Tha Uisge na h-Alba ag iarraidh air daoine gun a bhith a' cleachdadh ach na dh'fheumas iad agus a bhith a' seachnadh phìoban uisge a chleachdadh - ged nach eil casg air tighinn a-steach fhathast.
Thuirt a' chompanaidh gu bheil an dùthaich air a bhith a' cleachdadh 150,000,000 liotair a bharrachd uisge gach là air a' mhìos a chaidh seachad.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd air iarraidh air daoine a bhios a' faighinn an uisge aca gu prìobhaideach a bhith fìor fhaiceallach mu na tha iad a' cosg air sàilleibh 's gu bheil an ìre de dh'uisge cho ìosal.
Tuathanaich
Tha draghan cuideachd air nochdadh mun bhuaidh a dh'fhaodadh seo a thoirt air iasg fiadhaich.
"Feumaidh bradan fiadhaich agus iasg fìor-uisge uisge fuar, glan airson soirbheachadh," thuirt àrd-oifigear Buidheann Stiùiridh an Iasgaich an Alba Ailean Wells.
"Tha mar a tha uisge a' sìor fhàs gann a' fàgail gu bheil cunnart nas motha ann mar a leanas an turadh gun tig iad a-steach gu uisge a tha nas blàithe gun na dh'fheumas iad de dh'ocasaid sgaoilte ann."
Tha tuathanaich draghail mun t-suidheachadh cuideachd.
Leis mar a tha an talamh cho tioram, feumaidh iad uisge a bharrachd 'son na barran a chuir iad a chumail gun mhilleadh.
Tha buidheann dìon na h-àrainneachd SEPA air a ràdh nach eil iad ach mu dhà sheachdain air falbh bho bhith a' cur casg air tuathanaich bho bhith a' toirt uisge à aibhnichean airson an cuid bharran, ma leanas an aimsir mar a tha i.