"Ma gheibh iad a cnàmhan tha mi a' dol ga tiodhlacadh le a màthair"

Pòl Ford
Fo-thiotal an deilbh,

Pòl Ford

  • Air fhoillseachadh

Bha Pòl Ford 43 nuair a choinnich e ri mhàthair airson a' chiad uair.

Na h-òige bha màthair Phòl ann an dachaigh Màthair agus Pàiste Tuaim an Contae na Gaillimhe an Èirinn.

Tha deich bliadhna ann bho thàinig sgainneal na dachaigh gu aire nam meadhanan nàiseanta agus eadar-nàiseanta.

Bha an dachaigh ann eadar 1925 is 1961 is air a ruith le mnathan cnàmhaidh Bon Secours.

San ùine a bha sin chaidh còrr is 2,000 boireannach a bha trom 's nach robh pòsta a thoirt ann.

Gu math tric dh'fhàgadh iad gun an cuid chloinne nan còis.

Chaidh mòran de na pàistean uchd-mhacachd.

Tha fios cuideachd gun robh an àireamh chloinne a bhàsaich san dachaigh a còig uimhir nas àirde na an àireamh a bha a' fuireach sa choimhearsnachd.

Tuaim
Fo-thiotal an deilbh,

An làrach far an deach na cuirp a thiodhlaiceadh

Rugadh Pòl san dachaigh agus bha e a' fuireach ann gus an robh e còig bliadhna de dh'aois, nuair e chaidh a chur gu teaghlach dalta.

Ged a bha e toilichte an sin, bha e an-còmhnaidh 'son faighinn a-mach mu theaghlach.

"Dh'fheuch mi aig aois òg, ach beagan bhliadhnaichean às dèidh sin thachair mi ri nurs is dh'iarr mi air na b' urrainn dha fhaighinn a-mach mu mu mhàthair.

"Thàinig e dhan taigh aon oidhche is dh'innis e dhomh, lorg sinn do mhàthair, tha fios againn cà bheil i, is 's urrainn dhut a dhol ga faicinn, ach chan urrainn 'son seachdain eile.

"Uill, bha sin a' faireachdainn coltach ri deich bliadhna, oir bha mi a' smaointinn gun tachradh rudeigin rithe mus faicinn i."

Cha do thachair is fhuair Pòl agus a theaghlach cothrom eòlas fhaighinn oirre mus do chaochail i naoi bliadhna às dèidh dhaibh coinneachadh às ùr.

Bho chionn ghoirid, tha Pòl cuideachd air faighinn a-mach gun robh nighean bheag air a bhith aig a mhàthair cuideachd.

Bhàsaich ise, 's i dà bhliadhna de dh'aois.

Catherine Corless
Fo-thiotal an deilbh,

Catherine Corless

Thàinig am fiosachadh sin bho eachdraiche ionadail a th' air obair iongantach a dhèanamh airson na thachair ann an Tuaim a thoirt gu aire a' mhòr-shluaigh.

Bha Catherine Corless air cluinntinn gun robh coltas ann gun robh pàistean air an tiodhlacadh aig an làraich.

An dèidh dhi rannsachadh mionaideach a dhèanamh, rinn i a-mach gun robh faisg air 800 pàiste ann far an robh teisteanas bàis ach nach robh clàr-tiodhlacaidh.

Cho-dhùin i gun robh a h-uile coltas ann gun deach an tiodhlacadh ann an seann siostam òtrachais na dachaigh-cùraim.

"Chuir e uabhas orm. Ach a thuilleadh air uabhas, tha mi a' smaointinn gun tug e dhomh an neart airson cumail orm," tha Catherine ag ràdh.

"Bha e follaiseach dhomh gun deach a dhèanamh a dh'aona-gnothach, gus rudan a chleith, oir cha robh am màthraichean pòsta.

Catherine Corless còmhla ri Angela NicIlleathain
Fo-thiotal an deilbh,

Catherine Corless còmhla ris an tè-naidheachd Angela NicIlleathain, a rannsaich an sgeulachd roimhe airson a' phrògraim Eòrpa

"Cha robh cùram ann. Bha iad a' dèiligeadh riutha mar, cha chanainn fiù 's mar bheathaichean oir bhiodh tu a' dèiligeadh ri do chuid bheathaichean nas fheàrr na seo.

"Ach a bhith a' cur nan leanabhan bòidheach is pàistean sin ann an siostam òtrachais is a bhith a' dìochuimhneachadh orra - bha e cho uabhasach is dh'fheumainn guth a thoirt dhaibh.

"Dh'fheumainn cumail orm is ceartas fhaighinn dhaibh."

Chaidh sgrùdadh a dhèanamh aig an làraich agus chaidh dearbhadh ann an 2017 gun deach cnàmhan phàistean a lorg.

Bho chionn dà bhliadhna dh'iarr Riaghaltas na h-Èireann gun deadh an làrach air fad a chladhach.

Tòisichidh sin an ath-bhliadhna.

"'S e tha fa-near dhuinn an dust fhaighinn às an làraich ann an dòigh fhoireansaich", dh'innis Daniel MacSweeney, a tha os cionn na h-obrach.

"Mar sin, bidh e air a dhèanamh chun na h-ìre 's a gheibheadh tu aig làrach eucorra.

"Nuair a gheibh sinn an dust, nì sinn sgrùdadh agus 's e am prìomh amas, tha mi a' smaointinn, gun tèid an ath-thiodhlacadh le urram, oir gu follaiseach tha dìth urraim ann far a bheil iad an-dràsta."

Fo-thiotal a’ bhidio,

Aithris Angela NicIlleathain air Aithris na Maidne

Tha e an urra ri Mgr McSweeney cuideachd cuimhneachan freagarrach a chur air dòigh - ainm a chur ris na pàistean agus dèanamh a-mach dè a thug bàs dhaibh.

'S e dùbhlan mòr a th' ann, gu h-àraid seach gu bheil dust nam pàistean air a dhol am measg a chèile.

Tha an sgioba aige an-dràsta a' cruinneachadh sampailean DNA bho dhaoine a tha den bheachd gun deach neach a bha càirdeach dhaibh a thiodhlacadh aig an làraich.

Agus tha iad airson cluinntinn bho dhuine sam bith a tha den bheachd gu bheil duine a bhuineas riutha ann.

Tha Pòl air an DNA aige san a thoirt seachad mar-thà.

Tha esan den bheachd gu bheil a phiuthar - Ellen - am measg an 796 pàiste a chaidh a tiodhlacadh gun chomharra no clàr.

"Tha an DNA agam agam. Rinn mi sin agus ma gheibh iad a cnàmhan is ma tha an DNA againn an aon rud, gabhaidh mi i, is tha mi a' dol ga tiodhlacadh le a màthair.

"Agus mura dèan mise e, tha fios aig mo theaghlach is nì mo theaghlach dhomh e".

Gheibhear barrachd air an sgeulachd air Women's Hour le Nuala McGovern air Radio 4 an seo.

Tuaim