Cathraiche HIE gus a dhreuchd a leigeil dheth

- Air fhoillseachadh
Fàgaidh cathraiche Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean a dhreuchd as t-samhradh.
Thuirt Alasdair Dodds gu bheil e den bheachd gu bheil e cudromach gum bi cathraiche ùr ann an àite air thoiseach air taghadh Pàrlamaid na h-Alba an ath-bhliadhna.
Tha Mgr Dodds air a bhith a' fuireach air a' Ghàidhealtachd fad còrr is 30 bliadhna is bha e ùine mhòr aig àrd-ìre aig Comhairle na Gàidhealtachd.
Tha e air a bhith air bòrd HIE fad 11 bliadhna is bha e ann an dreuchd a' chathraiche bho 2020.
Bha còir aig an teirm sin tighinn gu ceann sa Ghiblean an ath-bhliadhna, ach tha Mgr Dodds air innse a-nise gum fàg e a dhreuchd san Iuchar.
Thuirt e gu bheil e cudromach gum bi cathraiche ùr ann an dreuchd ùine mus bi taghadh Pàrlamaid na h-Alba ann an ath-bhliadhna is gum bi iad deiseil 'son a bhith ag obair leis an riaghaltas ùr.
Thuirt e cuideachd gum bu chòir cothrom a bhith aca a bhith an lùib taghaidh cò thèid an àite thriùir air bòrd HIE nuair a thig teirmean gu ceann san Lùnastal an ath-bhliadhna.
Tha Mgr Dodds ag ràdh gu bheil e misneachail gu bheil eaconamaidh is coimhearsnachdan na Gàidhealtachd ann an suidheachadh làidir le cothrom ann air fàs is obraichean a chruthachadh.
Thug an Leas-Phrìomh Mhinistear Ceit Fhoirbeis taing dha Mgr Dodds is i ag ràdh gu bheil e air obair mhòr a dhèanamh aig HIE.