Dotairean ùra gan lorg an Uibhist

UibhistTùs an deilbh, Ishbel Walker
  • Air fhoillseachadh

Tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar air iomairt a thòiseachadh gus dotairean teaghlaich a thàladh a dh'Uibhist.

Tha iad air sanas fhoillseachadh a' togail air na buannachdan a tha an cois a bhith a' fuireach agus ag obair anns na h-Eileanan an Iar.

Tha NHS nan Eilean Siar a' sireadh co-dhiù còignear a dheadh a dh'obair ann an Uibhist agus ann am Beinn nam Fadhla.

Tha iad a' tabhainn 40% os cionn na h-ìre as cumanta a thaobh tuarastail dhaibh, a thuilleadh air cosgaisean gluasaid agus suim suas ri £10,000 a bharrachd.

UibhistTùs an deilbh, Gordon Brown/Geograph

Tha dùil gum bi na dotairean ag obair san ionad-meadaigeach ùr ann am Beinn nam Fadhla agus ann an Ospadal Uibhist is Bharraigh.

Tha am Bord Slàinte an dòchas daoine a bhrosnachadh gus cùl a chur ri cho trang agus a tha na bailtean mòra airson cothromachadh nas fheàrr eadar beatha obrach agus beatha taobh a-muigh na h-obrach.

Thuirt stiùiriche meadaigeach NHS nan Eilean Siar, an Dr Frank MacAmhlaigh, gun robh iad air an dòigh cothrom a bhith aca co-dhiù còignear fhastadh far am biodh ge b' i cò a shoirbhicheas nam ball dhà-rìribh de choimhearsnachd agus cothrom a bhith aca cuideachd cruth nan seirbheisean sa choimhearsnachd sin a dhealbh.

"O phort iasgaich Loch nam Madadh aig tuath gu na tràighean deàlrach aig deas, tha eileanan Uibhist is Beinn nam Fadhla a' tabhann fàilte bhlàth agus a' tighinn beò le beatha, cur-seachadan is cultar," thuirt an Dr MacAmhlaigh.

Tha aig daoine chun an t-7mh den Mhàrt gus tagradh a dhèanamh airson nan dreuchdan.

Chithear sanas-obrach sa bhideo seo, taobh a-muigh.