Còmhraidhean gan iarraidh mu na tha an dàn do Ghàrradh Àranais

Gàrradh Àranais
  • Air fhoillseachadh

Tha ceannardan aonaidhean-ciùird air sgìobhadh gu riaghaltasan na Rìoghachd Aonaichte agus na h-Alba ag iarraidh chòmhraidhean mu na tha an dàn san ùine fhada do Ghàrradh Àranais an Leòdhas.

Tha seo an dèidh mar a chaidh a ghabhail thairis leis a' chompanaidh Navantia, a tha le Riaghaltas na Spàinne, còmhla ri trì ghàrraidhean eile - Methil ann am Fìobha, Appledore ann an Devon, agus Béal Feirste ann an Èirinn a Tuath.

Bha a' chompanaidh leis an robh an gàrradh roimhe, Harland & Wolff, air a dol ann an duilgheadas, agus bha fad mhìosan de mhì-chinnt ann mu na thachradh dha na gàrraidhean.

Tha mu 1,000 duine a' faighinn cosnaidh eadar na gàrraidhean sin, mu 160 dhiubh aig Gàrradh Àranais.

Thuirt Louise Gilmour bho Aonadh an GMB gu bheil iad a' cur fàilte fhaiceallaich air a' chompanaidh ùir, ach gu bheil ceistean ann fhathast mun àm ri teachd, 's gu bheil e riatanach gum bi an Riaghaltas an sàs.

"Tha sinn ag iarraidh air na dà riaghaltas tighinn còmhla, suidhe sìos còmhla rinn fhèin agus le Navantia, faic dè na planaichean a th' ann airson na h-ùine fada," thuirt i.

"Chan eil sinn airson 's gun tèid luchd-obrach tro na dh'fuiling iad roimhe. Feumaidh sinn tomhas de dhòchas a thoirt dhaibh gum mair e an turas seo.

"Tha bun-structar math aig gàrraidhean san Spàinn, a dh'fhaodadh an obair a tha sinne a' dèanamh an seo an Alba a dhèanamh.

"Tha sinn airson a bhith cinnteach nach tèid an obair sin dhan Spàinn.

"Nì sinne sabaid chruaidh airson a h-uile cosnadh ann an Alba 's nì sinn cinnteach gun cuir iad airgead an sàs ann am bun-structar na h-Alba, 's gum bi seasmhachd san ùine fhada dhan fheadhainn ann an Àranais agus na coimhearsnachdan an sin," thuirt i.