Obraichean Àranais air an dìon agus an gàrradh fo smachd companaidh ùir
- Air fhoillseachadh
Dhearbh a' chompanaidh mhòr Spàinneach Navantia gun gabh iad thairis Harland & Wolff, leis a bheil gàrradh Àranais am measg ghàrraidhean eile.
Gabhaidh Navantia, a bhuineas do riaghaltas na Spàinne, smachd cuideachd air gàrradh mòr na companaidh ann am Beul Feairst agus gàrraidhean Methil ann am Fìobha agus Appledore ann an Sasainn.
Thèid 1,000 obraichean a dhìon fon aonta ùr choimeirsealta, mu 160 dhiubh ann an Leòdhas.
Chaidh Harland & Wolff fodha san t-Sultain air sgàth nan trioblaidean ionmhais a bh' aca a' dèanamh deiseil airson cùmhnant mòr bho Mhinistearachd an Dìon.
Tha a' chompanaidh air a bhith ann an còmhraidhean leis an luchd-rianachd agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a bha airson 's gum biodh na ceithir làraichean aig Harland & Wolff air an reic còmhla, agus gum biodh barantas ann mu obraichean.
Chan eil e soilleir dè cho fada agus a bhios cosnaidhean a h-uile làraich sàbhailte ged a tha làn-chomas aig na gàrraidhean Albannach òrdughan fhaighinn airson thuathan-gaoithe aig muir.
Tha obair a' dol an-dràsta ann an Àranais bairdsichean a thogail airson sgudal a ghiùlain air abhainn Thames.
Thuirt Rùnaire a' Ghnothachais agus na Malairt, Jonathan Reynolds, gun robh an t-aonta "math airson obraichean" agus "airson tèarainteachd na dùthcha".
Thuirt e gu bheil e a' ciallachadh gu bheil na ceithir làraichean aig Harland & Wolff sàbhailte agus gum bi obair annta airson "bliadhnaichean seach mìosan".
Nuair a chaidh faighneachd dha an deach atharrachadh a thoirt air a' chùmhnant airson trì soithichean a thogail don Chabhlach Rìoghail airson Navantia a thàladh, thuirt Mgr Reynolds gun deach "atharrachadh beag" a thoirt air airson "barrachd taic" a bhith ann bhon riaghaltas.
Thuirt e gun robh an t-aonta "na dhearbhadh air misneachd Navantia sa Rìoghachd Aonaichte".
Rinn BP nan Eilean Siar, Torcuil Crichton, moladh air Mgr Reynolds agus Rùnaire na h-Alba, Iain Moireach, airson argamaid is iomairt a dhèanamh airson Àranais a bhith mar phàirt den aonta.
Thuirt e: "Chan eil teagamh ann, 's e riaghaltas Làbarach a chùm air na solais aig Àranais."
Thachair Mgr Reynolds ri luchd-obrach Àranais agus e air thuras dhan làraich còmhla ri Mgr Crichton aig àm iomairt an taghaidh choitchinn.
Thuirt Mgr Crichton: "'S e seo an tiodhlac Nollaige as fheàrr a dh'fhaodadh a bhith aig luchd-obrach Àranais agus Eilean Leòdhais.
"Tha còrr agus 160 obraichean aig a' ghàrradh agus 's e buille mhòr dhan eaconomaidh a bhiodh ann na dreuchdan agus na tuarastail sin a chall.
Thuirt BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, gur e "naidheachd fìor mhath" dhan luchd-obrach ann an Àranais a tha seo, agus an teaghlaichean agus do dh'eaconamaidh nan Eilean Siar.
Thuirt e: "'S e naidheachd mhath a th' ann agus daoine a' dèanamh deiseil airson na Nollaige.
"Tha e coltach gu bheil cliù mhath aig Navantia ann an gnìomhachas na mara le taic ionmhais làidir agus plana airson na h-ama ri teachd."
'S ann fo shealbh riaghaltas na Spàinne a tha Navantia agus tha e air maoineachadh nach beag fhaighinn bhon Choimisean Eòrpach mar phàirt de Stòras Dìon na h-Eòrpa.
Bha iad mar-thà ag obair còmhla ri Harland & Wolff mar a' phrìomh chompanaidh an sàs sa phròiseact airson trì bàtaichean a thogail dhan Chabhlach Rìoghail.
'S e am prìomh ghàrradh aig Navantia ann an Cadiz an ceann a deas na Spàinne.
Tha iad a' cumail cosnaidh ri còrr is 4,000 duine agus tha teachd a-steach aca de £835m sa bhliadhna.