Cùis mhuirt: "Thàinig dorchadas iomlan tharam"

John MacFhionghainTùs an deilbh, Facebook
Fo-thiotal an deilbh,

John MacFhionghain

  • Air fhoillseachadh

Chuala an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann gun do dh'innis Sgitheanach a tha fo chasaid gun do mhuirt e a bhràthair-cèile agus gun do dh'fheuch e ri a bhean agus dithis eile a mhurt, do na Poilis gun "tàinig dorchadas iomlan tharam".

Chaidh clàradh a shealltainn don diùraidh de dh'agallamh a rinn na Poilis le Fionnlagh Dòmhnallach an dèidh dhaibh a chur an grèim san Lùnastal 2022.

Anns an agallamh, dh'innis e do dh'oifigearan gun robh e a' faireachdainn air a thrèigsinn an dèidh dha teachdaireachdan fòna eadar a bhean agus a fastaiche a leughadh.

Thuirt e gur e toiseach "sreath dubh de thachartasan" a bh' ann.

Thuirt Mgr Dòmhnallach san agallamh gun do thòisich a' bhean aige a' sabaid ris agus gun d' fhuair an gnothach a-mach à rìan. Bha iad a' sabaid airson a fòn fhaighinn, thuirt e.

Dh'innis e gun do thog e an uair sin sgian 's gun do shàth e i ann am "mòmaid bhoile" agus gun robh sgleò thairis air na chuimhne.

Chuala a' chùirt mar a dh'fhàg e an uair sin dachaigh an teaghlaich anns a' chàr aige le gunna-froise agus sgian. Thuirt e gun robh fhios aige gun do rinn e droch mhearachd uabhasach agus nach robh fhios aige mar a chuireadh e ceart e. Bha e a' saoilsinn gun robh a bheatha seachad.

Thuirt Mgr Dòmhnallach gun do thòisich e an uair sin a' smaoineachadh air cò bh' air a chur anns an t-suidheachadh seo.

"Feumaidh gur e mise a rinn e"

Chaidh e gu dachaigh a bhràthar-chèile a bha e ag ràdh a bha ri burraidheachd ris riamh. Thuirt e, mar a ghluais a bhràthair-chèile dha ionnsaigh, gun do loisg e an gunna.

"Choimhead e rium ann an dòigh gu math bagarrach agus thòisich e a' tighinn thugam. Gun fiù 's smaoineachadh loisg an gunna."

Nuair a chaidh fhaighneachd dheth an e fhèin a bh' air an gunna a losgadh, fhreagair e: "feumaidh gur mise a rinn e".

Chuala a' chùirt gun robh Mgr Dòmhnallach a' coireachadh lìghiche-chnàmhan - John Don MacCoinnich - airson druim goirt a bhith aige. Dh'innis e do na Poilis gun deach e dhan taigh aige airson an aghaidh a thoirt air leis a' ghunna. Thuirt e ge-tà, nach b' ann le dùil a bhith a' goirteachadh duine a rinn e sin.

Thuirt e gun do loisg e dà thuras tron uinneig mus deach e a-steach dhan taigh 'son an aghaidh a thoirt air Mgr MacCoinnich.

"Gam dhìon fhèin"

Nuair a chaidh fhaighneachd dheth dè shaoil e de mar a bha na Poilis ag èigheach air an gunna a chur bhuaithe, thuirt e "bha mi air m' inntinn a chall agus bha rud ciallach sam bith air a dhol às mo cheann".

Thuirt e gun robh an gunna air losgadh ri linn strì.

Nuair a chaidh fhaighneachd dheth carson a loisg an gunna, thuirt e: "tharraing mi an trigear, saoilidh mi. Bha mi a' faireachdainn gun robh mi gam dhìon fhèin.

"Bha thu feargach ris agus mar sin loisg thu air?" dh'fhaighnich an t-oifigear dheth.

"Cha robh dùil agam a dhèanamh" fhreagair Mgr Dòmhnallach.

Nas fhaide den agallamh, thuirt Mgr Dòmhnallach: "nam b' urrainn dhomh an gleoc a thionndadh air ais 's gun dad dheth a dhèanamh, dhèanainn sin. Tha mi cho duilich".

Tha Fionnlagh Dòmhnallach a' dol às àicheadh nan casaidean gu lèir a tha na aghaidh, agus tha e air tagradh sònraichte a chur a-steach gun robh claonadh air inntinn mu choinneimh na casaid muirt.

Tha a' chùis a' leantainn.