Luchd-obrach Sgoil Dhruimein "fo uallach mhòr"

Sgoil Dhruimein
  • Air fhoillseachadh

Tha luchd-obrach aig sgoil shònraichte ann an Inbhir Nis fo uallach mhòr - rud a dh'fhaodadh sàbhailteachd na cloinne a chur ann an cunnart, a rèir an aonaidh Unison.

Chaidh gearanan a chur gu Comhairle na Gàidhealtachd mu shuidheachadh Sgoil Dhruimein, ach tha pàrantan agus luchd-obrach ag ràdh nach eil càil air atharrachadh.

Tha 109 sgoilear le feumalachdan a bharrachd aig ìre bun-sgoile agus àrd-sgoile anns an sgoil. A rèir Unison tha tuilleadh 's a' chòrr ann an sin.

Tha an t-aonadh a' dèanamh dheth gu bheil dìth luchd-obrach a' fàgail an fheadhainn tha a' teagaisg is a' coimhead as dèidh na cloinne fo uallach mhòr.

Thuirt John Frew bho Unison nach e suidheachadh ùr a tha seo.

"Tha na buill againn air a bhith ag innse dhuinn airson greis gu bheil trioblaid air a bhith ann an Sgoil Dhruimein.

"Tha an àireamh chloinne ag èirigh ach chan eil àireamh an luchd-obrach a' dol suas airson dèiligeadh ris na feumalachdan a bharrachd a tha a' tighinn a-steach dhan sgoil.

"Tha na buill againn ag innse dhuinn gu bheil iad claoidhte 's nach eil uairean a thìde gu leòr san là airson a h-uile càil a dhèanamh.

"Tha iad a' faireachdainn gun deach an leigeil sìos le Comhairle na Gàidhealtachd," thuirt e.

Thuirt a' Chomhairle roimhe gu bheil iad a' beachdachadh air neach-obrach taic teaghlaich a chur an sàs san sgoil agus nurs a thoirt a-steach san ath sheisean sgoile airson dèanamh cinnteach gu bheil an taic a tha a dhìth aig a' chloinn.

Dh'innis an t-ùghdarras ionadail dha na pàrantan gum bi coinneamh aca leotha a dh'aithghearr.

Thog am BPA Gàidhealach, Emma Roddick, dragh mun sgoil le Ministear an Fhoghlaim, Jenny Gilruth.