Piseach a dhìth air dachaigh-cùraim ùr an Steòrnabhagh

Taigh Shìophoirt
  • Air fhoillseachadh

Tha aithisg Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim air grunn laigsean fhaighinn san t-seirbheis ann an Taigh Shìophoirt, dachaigh-cùraim do sheann daoine a dh'fhosgail gu h-oifigeil sa Mhàrt.

Rinn an luchd-sgrùdaidh, a thadhail air a' ghoireas sa Chèitean, moladh cuideachd air an togalach fhèin agus coibhneas an luchd-obrach.

Ach fhuair iad grunn easbhaidean far a bheil leasachadh a dhìth - ceannas na seirbheis nam measg - agus airson dèanamh cinnteach "gum bi beatha an luchd-còmhnaidh cho math agus as urrainn dhi a bhith".

Thuirt iad gum feumar dòigh nas sàbhailte fhaighinn gus cungaidhean-leigheis a thoirt seachad leis gu bheil "mearachdan mòra" san t-siostam a th' ann agus cunnart gum faodadh e "cron a dhèanamh air slàinte dhaoine".

Làmhan seann duineTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bha cuid den luchd-còmhnaidh a' gearain nach robh cur-seachadan neo dibhearsan aca

Ged a bha iad riaraichte leis an ìre de chùram phearsanta a bha an luchd-còmhnaidh a' faighinn, thog iad dragh mu na bhathar a' dèanamh airson an sunnd inntinneil.

Chaidh sin a mheas aig ìre iomchaidh a-mhàin a tha a' ciallachadh gu bheil rud beag a bharrachd neartan na laigsean san t-seirbheis.

'S e gu sònraichte a bha a' dèanamh dragh dhaibh gun robh cuid den luchd-còmhnaidh a' gearain gun robh iad tric nan suidhe ùine mhòr gun càil inntinneach ri dhèanamh.

Thuirt an luchd-sgrùdaidh gum bu chòir dhan luchd-obrach barrachd tìde a chur seachad a' còmhradh leis an luchd-còmhnaidh cho math ri bhith a' tabhann barrachd chur-seachadan orra.

Thuirt an aithisg: "Bu chòir don luchd-obrach taic a chumail ri daoine spòrs a bhith aca, agus airson dàimhean a dhaingneachadh agus a chruthachadh taobh a-staigh agus taobh a-muigh na dachaigh".

Làmhan dithis ceangailteTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Rinneadh moladh air coibhneas an luchd-obrach

'S ann an urra ri Comhairle nan Eilean Siar a tha Taigh Shìophoirt.

Thuirt neach-labhairt gun robh iad a' cur fàilte air a' chiad aithisg bho luchd-sgrùdaidh agus air na molaidhean aca airson mar a ghabhas goireas cho ùr a leasachadh.

Thuirt iad gun do thòisich iad am pròiseas sin fiù's mus deach an aithisg fhoillseachadh.

Thuirt iad gu bheil iad gu cunbhalach a' coimhead air mar a ghabhas piseach a thoirt air a' chùram a gheibh daoine agus ag èisteachd ri na tha iad fhèin agus an càirdean ag iarraidh dhaibh.

Tha gu meadhan an Lùnasdail aig an ùghdarras ionadail molaidhean an luchd-sgrùdaidh a chur an gnìomh agus piseach a thoirt air an t-seirbheis.