Dh'fhaodadh ionad Mowi Caol Àcainn dùnadh

- Air fhoillseachadh
Tha a' chompanaidh àrach-èisg Mowi air innse gum faodadh iad an t-ionad-giollachd bìdh aca anns an Eilean Sgitheanach a reic mar phàirt de phròiseas airson cruth às ùr a thoirt air a' ghnothachas aca.
Tha iad a' dèanamh ath-sgrùdadh an-dràsta air roinn a' bhìdh aca, a tha a' cumail bìdh ri tuathan-èisg ann an Alba, an Èirinn, an Nirribhidh agus anns na h-Eileanan Fàrach.
Tha ionad-giollachd eile aca aig Valsneset ann an Nirribhidh.

Tha an t-ionad aca ann an Caol Àcainn an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich, a dh'fhosgail ann an 2019, a' cumail cosnaidh ri mu 60 duine, agus a' cruthachadh 180,000 tunna de bhiadh èisg gach bliadhna.
Dh'fhaodadh ge-tà, gun tèid an t-ionad, a chosg £100m a thogail, a reic agus a' chompanaidh a' beachdachadh air co-dhiù cùm iad orra a' dèanamh an cuid bìdh èisg fhèin, no an aire a chumail a-mhàin air àrach agus giollachd a' bhradain.
Thuirt Mowi gu bheil iad a' tuigsinn gu bheil a' mhì-chinnt a' toirt buaidh air daoine, agus gun cùm iad taic ri luchd-obrach tron phròiseas.
