Thèid faraidhean Aiseag a' Chorrain an-àirde

Aiseag a' Chorrain
  • Air fhoillseachadh

Dhearbh Comhairle na Gàidhealtachd gun tèid faraidhean air Aiseag a' Chorrain ann an Loch Abar suas bho Dhimàirt an ath-sheachdain.

Cosgaidh e £12 càr a ghiùlain - àrdachadh £1.

Bidh àrdachadh £1.50 air faradh mion-bhus gu £16.50.

Thèid na chosgas leabhar 30 ticeadan suas £8.20 gu £88.50.

Gheibhear liosta de na faraidhean air fad air làrach-lìn Aiseag a' Chorrain, taobh a-muigh.

Bha an t-àrdachadh air a dhearbhadh nas tràithe air a' mhìos mar phàirt de bhuidseat an ùghdarrais ionadail.

Aig a' cheart àm, dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd mu na planaichean airson obair-càraidh bhliadhnail air an dàrna bàta air slighe a' Chorrain.

Thill an MV Maid of Glencoul gu seirbheis as t-fhoghair an-uiridh an dèidh a bhith a-mach à seirbheis fad bliadhna.

Tha an soitheach a-nis còrr is 50 bliadhna a dh'aois agus bha mì-thoileachas mòr sna coimhearsnachdan as motha a tha an eisimeil na seirbheis-aiseig leis gun robh iad a' faireachdainn nach gabhadh earbsa a chur innte.

Tha planaichean ann ge-tà airson goireasan nam port air gach taobh den t-slighe a leasachadh agus aiseag ùr a thogail dhan t-seirbheis.