A' chiad seòladh poblach aig a' Ghlen Sannox air 13mh den Fhaoilleach
- Air fhoillseachadh
Dhearbh Caledonian Mac a' Bhriuthainn gum bi an MV Glen Sannox, air an tàinig dàil mhòr, ann an seirbheis air an 13mh den Fhaoilleach.
Thuirt a' chompanaidh gun tòisicheadh an soitheach luchd-siubhail a ghiùlain air slighe Eilein Arrainn an dèidh mar a chaidh gu math le deuchainnean agus trèanadh an luchd-obrach.
Bidh an Glen Sannox air an t-slighe as trainge ann an lìonra ChalMac, eadar An Truthail agus Brodhaig.
Bha còir aice tòiseachadh ann an seirbheis ann an 2018 ach thàinig dàil mhòr air co-dhùnaidhean dealbhachaidh agus air an obair-togail, a chaidh na bhuaireadh mòr poileataigeach.
Thàinig àrdachadh air cosgaisean a' bhàta-aiseig bhon chiad phrìs de £97m gu còrr is £400m, na measg iasadan riaghaltais luach £45m nach deach uile a phàigheadh air ais.
Tha dùil ri "tòiseachadh bog" agus gun seòl an soitheach turas neo dhà san là bhon 6mh den Fhaoilleach mus tòisich i air làn-chlàr-ama.
Thuirt Rùnaire na Còmhdhail aig Riaghaltas na h-Alba, Fiona Hyslop, gur e naidheachd mhath a bh' ann gun robh an Glen Sannox deiseil airson seirbheis.
Thuirt i: "Bidh an soitheach ùr seo na thaic mhòr do mhuinntir Eilein Arrainn agus do lìonra nan aiseagan."
Thuirt Àrd-oifigear ChalMac, Donnchadh Mackison: "'Tha sinn a' cluinntinn bhon chriutha gu bheil an soitheach a' seòladh gu math, agus tha toileachas mòr am measg luchd-obrach ChalMac air fad gu bheil i gu bhith ann an seirbheis agus a' frithealadh Eilein Arrainn."
Dhearbh CalMac cuideachd gum bi an MV Caledonian Isles, a bhios a' dol eadar Àird Rosain agus Brodhaig, a' tilleadh gu seirbheis nuair a thòisicheas clàr-ama an t-Samhraidh an ath-bhliadhna, air an 28mh den Mhàrt.
Tha obair a' dol oirre airson stàillinn innte ùrachadh, agus thèid obair-càraidh eile a dhèanamh oirre le deuchainnean mara às dèidh sin.
'S e a tha san amharc gum bi dà shoitheach a' seoladh a Bhrodhaig, an MV Glen Sannox às An Truthail agus an MV Caledonian Isles à Àird Rosain, bhon 28mh den Mhàrt 2025.
On chaidh an Glen Sannox a chur air bhog tha gàrradh Ferguson Marine far an deach a togail air a dhol fo rianachd, fo shealbh na Stàite agus bha dàil fad bhliadhnaichean agus iad a' dèiligeadh ris na dùbhlain einnseanaireachd a bh' ann mus gabhadh an soitheach crìochnachadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh21 An t-Samhain