Faraidhean air luchd-coise air Aiseag a' Chorrain

Aiseag a' Chorrain
  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air aontachadh faraidhean a stèidheachadh 'son luchd-coise air Aiseag a' Chorrain 'son a' chiad uair.

Thuirt aithisg a chaidh air beulaibh Comataidh na h-Eaconamaidh is a' Bhun-structair madainn Diardaoin, taobh a-muigh gum biodh faradh £2 "reusanta an taca ri seirbheisean aiseig eile" is gum faodadh a' chomhairle £20,516 a thogail sa bhliadhna nan rachadh a chur an sàs.

Air a' cheann thall bhòt comhairlichean 9 gu 8 gus na faraidhean a chur an sàs.

Anns an deasbad thog an comhairliche Anndra Baxter gu bheil dragh am measg ghnothachasan nach bi cuid a-nise airson an t-seirbheis a chleachdadh is gun tuit àireamhan luchd-tadhail.

'S e sin an dragh cuideachd air Màiri Anna NicUalraig, a tha a' fuireach san sgìre is aig a bheil stiùideo clàraidh.

"Tha a' choimhearsnachd agus eaconamaidh againn an eisimeil an aiseig seo," thuirt Màiri Anna.

"Chan eil e coltach ri bus no trèana - chan eil dol às againn ach an t-aiseag a chleachdadh.

"Tha na gnothachasan an seo, tha iad a' crochadh air luchd-coise a tha a' tighinn thugainn air an aiseag.

"Ma dh'fheumas iad pàigheadh 'son an t-seirbheis a chleachdadh, bheir iad an t-airgead a tha iad a' cosg san sgìre againn a dh'aiteigein eile.

"Bheir seo buaidh mhòr air gnothachasan," thuirt i.

Dh'aontaich Comhairle na Gàidhealtachd nas tràithe am-bliadhna gun rachadh faraidhean do charbadan an-àirde air an t-slighe.