Meadhan na Samhna co-dhiù mus till an Caledonian Isles

MV Caledonian IslesTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Dh'ainmich Caledonian Mac a' Bhriuthainn gum bi an MV Caledonian Isles a-mach à seirbheis gu co-dhiù meadhan na Samhna.

Tha an aiseag a bhios a' frithealadh Arainn air a bhith a-mach à seirbheis bhon Fhaoilleach.

Bha an MV Isle of Arran na h-àite, ach nuair a chaidh an soitheach sin a thoirt air falbh airson obair-chàraidh bhliadhnail aig deireadh na Sultaine, is gun sgeul fhathast air an MV Caledonian Isles, thug sin buaidh air grunn slighean eile san lìonra.

Chaidh an t-seirbheis àbhaisteach eadar Loch Baghasdail is Malaig a tharraing is an MV Lord of the Isles air a gluasad gu slighe Ìle.

Bha seo air sgàth gun deach aiseag àbhaisteach Ìle, an MV Hebridean Isles, a ghluasad a dh'Arainn.

Gus seirbheis a thilleadh a dh'Uibhist a Deas, thòisich an MV Isle of Mull an t-seachdain seo chaidh a' dol eadar an t-Òban is Loch Baghasdail, a thuilleadh air an t-slighe eadar an t-Òban is Creag an Iubhair.

Thuirt CalMac gum mair am plana eadar-amail seo ann an àite chun 20mh là den Dàmhair.

Thuirt iad gun toir iad seachad barrachd fiosrachaidh mu na planaichean aca airson nan slighean seo air 17mh den Damhair.

Geamhradh dùbhlanach

"Bha sinn a' sùileachadh geamhradh dùbhlanach leis na h-aiseagan as motha againn gu bhith cur seachad an àireamh as àirde a-riamh de làithean a' dol tro obair-chàraidh bhliadhnail, is a-rèir choltais 's e sin a bhios againn," thuirt Àrd-Oifigear eadar-amail ChalMac, Donnchadh Mackison.

"Le trioblaidean teicnigeach an MV Caledonian Isles a' leantainn agus an ùine airson obair-chàraidh bhliadhnail a' tòiseachadh, tha sin a' fàgail chùisean doirbh dha-rìribh dha na seirbheisean againn.

"Bha plana againn airson clàr-ama a' gheamhraidh anns an robh an MV Caledonian Isles air tilleadh gu seirbheis.

"A-nise ge-tà, tha againn ri ath-sgrùdadh a dhèanamh gu tric air càite am bu chòir aiseagan a dhol airson seirbheis a chumail air feadh a' chosta an iar.

"Tha e na phrìomhachas dhuinn fios a chumail ri coimhearsnachdan mu na planaichean againn, agus coinneachadh ri iarrtasan nuair a bhios sin comasach.

"Ach, cha ghabh maill a sheachnadh agus as leth ChalMac bu mhath leam leisgeul a thabhann airson sin," thuirt e.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Èist ris an agallamh a rinn An Comh. Ùisdean Robastan, Cathraiche Còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar, le Dòmhnall Moireasdan air Aithris na Maidne