Sgoil Dhruimein an 'suidheachadh èiginneach'

Sgoil Dhruimein
  • Air fhoillseachadh

Dh' innis Comhairle nam Pàrant aig Sgoil Dhruimein ann an Inbhir Nis gu bheil an sgoil ann an suidheachadh èiginneach.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gum bi neach-taic teaghlaich agus neach-obrach meidigeach làn-ùine ag obair anns an sgoil shònraichte.

Tha pàrantan ag ràdh ge-tà nach eil na dreuchdan sin gu mòran feum agus gur e nurs a tha a dhìth airson dèiligeadh ris na feumlachdan a bharrachd a tha aig a' chloinn.

Chan eil ach beagan bhliadhnaichean ann bhon a fhuair sgoil Dhruimein duais bho Chomann Nàiseanta an Òtasaim agus iad ag aithneachadh na h-obrach a tha luchd-obrach a' dèanamh airson dèiligeadh ris na feumalachdan a bharrachd a tha aig a' chloinn anns an sgoil.

Tha pàrantan mothachail air an obair mhòir sin anns an sgoil shònraichte cuideachd.

Ach tha iadsan agus na h-aonaidhean a tha a' riochdachadh an luchd-obrach ag ràdh nach eil an suidheachadh anns an sgoil sàbhailte, le cion luchd-obrach agus an luchd-obrach a th' ann an-dràsta air leth sgìth.

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gum bi neach-taic teaghlaich agus neach-obrach meidigeach làn-ùine ag obair anns an sgoil.

Ach tha Comhairle nam Pàrant ag ràdh nach e sin a tha a dhìth.

Thuirt Lindsay Fulton bhon bhuidhinn nach bi an luchd-obrach sin a' dol an sàs gu dìreach leis a' chloinn.

"Tha iad a' ceangail le chèile nam feumalachdan meidigach aig na teaghlaichean anns an sgoil agus taobh a-muigh na sgoile.

"Mar sin, cha bhiodh e ann airson taic a thoirt le biadhachadh a-staigh do na h-ìrean àrda de dh'fheumalachdan cùraim meidigich na cloinne.

"Cha bhi dad den t-seòrsa sin ann, sin an tuigse a tha againne", thuirt i.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Thuirt Lindsay Fulton bho Chomhairle nam Pàrant gu bheil Sgoil Dhruimein an 'suidheachadh èiginneach'.

Dh'innis an t-ùghdarras ionadail gun tòisich an neach-taic teaghlaich san Lùnastal.

Thèid an dreuchd eile a shasanachd.

Bidh na dreuchdan sin air am maoineachadh le taic-airgid bho Phrògram Slàinte Theaghlaichean an riaghaltais.

Dh'iarr Comhairle nam Pàrant gum biodh nurs anns an sgoil, mar a bha aca roimhe seo.

"Tha Sgoil Dhruimein ann an suidheachadh èiginneach", thuirt Lindsay Fulton.

"Chan eil foghlam aca a chionn 's gum feumar dèiligeadh leis na feumalachdan cùraim aca an toiseach.

"Nan robh sin na àite, bheireadh sin faochadh dhan a h-uile.

"Chan urrainn dhomh a chur ann am faclan, bhiodh pàrantan toilichte, bhiodh iad saorsnail nan robh fios aca gun urrainn dhaibh an cuid chloinn a chur dhan sgoil gu sàbhailte."

Dh'iarr BBC Naidheachdan fiosrachadh mu dhleastanasan an luchd-obrach ùra seo, ach cha d'fhuairear fios air ais fhathast.

Chan eil fios cinnteach ann fhathast cia mheud tidsear a bhios anns an sgoil an deidh an t-samhraidh agus tha amharras ann gum bi 46 sgoilear a bharrachd anns an sgoil bhon a chaidh a thogail anns a' chiad dol a-mach.