HebCelt 'as soirbheachaile riamh'

Soidhne Fèis Cheilteach Innse Gall
  • Air fhoillseachadh

Tha an sgioba a tha a' cur Fèis Cheilteach Innse Gall air dòigh ag ràdh gur e fèis na bliadhna seo an tachartas as soirbheachaile a bh' aca riamh.

Chaidh a h-uile ticead airson a' prìomh chòmhlain air an àrd-ùrlar oidhche Shathairne, Skerryvore, a reic agus bha an aon rud fìor airson tòrr de na tachartasan ionadail.

Agus 's e glè bheag de thiceadan a bha air fhàgail 'son na cuirm aig Lulu.

Bha còrr is 18,500 neach an làthair aig an fhèis am-bliadhna, sin suas bho 17,900 an-uiridh.

Tha sgioba stiùiridh na fèise ag ràdh gu bheil seo a' ciallachadh gun urrainn dhaibh na ticeadan tràth 'son HebCelt 2026, a bhios rim faighinn a-màireach, a chumail aig an aon phrìs 's a bha iad am-bliadhna.

Thuirt stiùirichean na fèise an-uiridh gun do chuir an tachartas £12m ri eaconamaidh nan Eilean Siar thairis air trì bliadhna.

Thug iad taing cuideachd do dh'Alba Cruthachail, Comhairle nan Eilean Siar, NHS nan Eilean Siar agus Maoin Cultair is Gnothachais na h-Alba airson taic-airgid a chumail ris an tachartas còmhla ris na buidhnean prìomhaideach a tha air taic a chumail riutha.

Aimsir coibhneil

Thuirt Co-ordanaiche Ghnìomhan na Fèise, Carol NicFhearghais: "'S e bliadhna air leth sònraichte a tha air a bhith ann agus chòrd e ruinn gu mòr beachdan fhaighinn bho dhaoine a bha a' bruidhinn mun deagh fhaireachdainn a bha mun cuairt am-bliadhna, mu ciamar a thug an teepee canabhas blàths do choltas an àite, agus cho sònraichte 's a tha an ceòl air a bhith.

"Bha an aimsir coibhneil agus chunnaic sinn àrdachadh mòr anns na reic sinn thairis air na bàraichean air fad, ach cha robh na loidhnichean de dhaoine a' feitheamh cho mòr às dèidh dhuinn siostam pàighidh buail is teich a chur an sàs 'son gnothaichean a dhèanamh nas luaithe", thuirt i.

Chaidh faisg air 60 tachartasan ciùil is eile a chumail thairis air na trì prìomh àrd-ùrlaran, aig An Lanntair, ann am Brèascleit, Talla a' Bhaile an Steòrnabhagh agus ann an Ceàrnag Pherceval.

Tha seo a' fàgail gur e Fèis Cheilteach Innse Gall an treas fèis chiùil as motha ann an Alba às dèidh TRNSMT agus Belladrum,

Agus bha timcheall air 70% den fheadhainn a bha air an àrd-ùrlar le prìomh sheinneadar boireann no far an robh am prìomh neach-ciùil boireann.

Bidh fèis na h-ath-bhliadhna a' tachairt eadar 15mh is 18mh den Iuchair.

Tha luchd-stiùiridh ag radh gu bheil an obair ullachaidh airson sin air tòiseachadh mar-thà agus gu bheil iad cuideachd ag uallachadh airson tachartas sònraichte ann an 2027 nuair a bhios iad a' comharrachadh 30 bliadhna den fhèis.