Boireannach a bh' ann an tubaist air an A96 air bàsachadh

- Air fhoillseachadh
Tha boireannach, a bha 50 bliadhna de dh' aois, air bàsachadh às dèidh tubaist-rathaid air an A96 faisg air Inbhir Nis.
Bha càr Vauxhall Corsa dearg, a chaidh a ghoid ann am Bucaidh, agus Volvo XC60 dubh an sàs anns an tubaist a thachair mu 8:45m.
Chaidh triùir a thoirt dhan ospadal, dithis bhoireannach ann an heileacoptair a dh'Obar Dheathain,
Dhearbh na poilis gun do bhàsaich am boireannach a bha a' draibheadh an Corsa anns an ospadal Diardaoin
Bhàsaich cù a bha anns an Corsa aig làrach na tubaiste.
Tha boireannach, 74 bliadhna de dh'aois, a bha a' siubhal anns a' chàr eile fhathast anns an ospadal, 's i ann an staid sheasmhach.
Chaidh an duine a bha a' draibheadh an Volvo, a leigeil dhachaigh bho Ospadal an Rathaig Mhòir às dèidh na tubaiste.
Tha na poilis a' sireadh fiosrachaidh sam bith mun tubaist, gu h-àraidh nan robh duine sam bith air an Corsa dearg fhaicinn faisg air Baile Ùr Pheitidh.