Amharas gun deach teine a chur ri càr sa Ghearasdan a dh'aona-ghnothach

Seacaid poilis
  • Air fhoillseachadh

Tha na poilis a' sireadh fiosrachaidh agus amharas orra mu chùis carbad a chaidh na theine sa Ghearasdan air an deireadh-sheachdain.

Thachair seo mu 4:40f Disathairne nuair a chaidh teine a chur a dh'aona-ghnothach ri Audi A4 gorm air Nairn Crescent.

Chaidh milleadh a dhèanamh air Mitsubish Outlander dubh cuideachd san tachartas.

Cha deach duine a ghoirteachadh agus tha oifigearan a' toirt sùil air dealbhan CCTV sa sgìre feuch am faigh iad fiosrachadh a bheir taic dhaibh.

Tha iad ag iarraidh air daoine thighinn a bhruidhinn riutha ma chì iad càil air na dealbhan dash-cam neo clag-dorais aca a dh'fhaodadh a bhith feumail.

Ma tha fiosrachadh aig duine faodaidh iad fònadh gu Poileas Alba air 101, le àireamh na cùise, 0566 Disathairne 19mh den Ghiblean, 2025.

Faodar cuideachd fònadh gu Crimestoppers on 0800 555 111.