Iomairt ùr ag amas air piseach a thoirt air trafaig sa Ghearasdan

- Air fhoillseachadh
Cuirear iomairt air bhonn sa Ghearasdan Dimàirt gus toirt air Riaghaltas na h-Alba ruideigin a dhèanamh mu thrioblaidean trafaig a' bhaile.
'S iad Seòmar Malairt Loch Abair agus gnothachasan na sgìre a th' air cùlaibh na h-iomairte.
Tha seo a' tighinn às dèidh mar a chaidh cur às do chuid de sheirbheisean bus leis nach eil cinnt ann gun tèid aca air cumail ri clàran-ama.
Tha dragh air luchd-iomairt cuideachd gu bheil na trioblaidean trafaig a' cur bacadh air fàs eaconamach sa sgìre.

Tha trioblaidean trafaig a' fàgail gum faod dàil mhòr a bhith air dràibhearan
Tha na tha de charbadan a' dol tron Ghearasdan air a bhith na adhbhar dragh airson ùine mhòir.
Tha e a' fàgail gum faod turas còig mionaidean bhon Chorpaich air iomall a' bhaile a bhith a' toirt uair de thìde.
Tha seo a' toirt buaidh air luchd-turais agus air luchd-còmhnaidh a tha a' feuchainn ri faighinn a dh'obair, coinneamhan meideigeach is eile.
B' fheudar dhan chompanaidh Shiel Buses cuid de na seirbheisean aca a lùghdachadh leis nach robh cinnt ann an ruigeadh iad an ceann-ùidhe nuair a bha dùil.
"Tha sinn feumach air fuasgladh aig ìre nàiseanta airson dèiligeadh ri na trioblaidean trafaig sa bhaile," thuirt Dàibhidh Phillips bho Sheil Buses.
Cead do stuth Facebook?
Tha stuth bho Facebook an lùib an artagail seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid dad a luchdachadh, thoireadh ‘s dòcha gun cleachd iad briosgaidean agus teicneòlas eile. Faodaidh tu na poileasaidhean aig Meta ‘son Facebook mu bhriosgaidean a leughadh, taobh a-muigh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus gabh thu ris. Airson coimhead air an stuth seo buail air ‘gabh ris agus lean air adhart’.
Tha deasbad air a bhith ann airson faisg air 50 bliadhna mu bhith a' togail seach-rathad mar dhòigh an suidheachadh a leasachadh.
Chaidh fear a dhealbhachadh ach an dèidh Rannsachadh Poblach cha deach gabhail ris na molaidhean.
Tha fuasglaidhean eile gan cur air adhart cuideachd, leithid trèana ionadail neo tagsaidhean-uisge eadar an Gearasdan agus a' Chorpach.
Tha Iain MacÙisdein, a bha na phrìomh einnseanair ann an Loch Abar, den bheachd gun gabh seach-rathad a bhith air a thogail fhathast.
"Bha am pròiseact ann am Plana Calpa Oifis na h-Alba aig £7.6m, ach cosgaidh e barrachd na sin an-diugh," thuirt e.

Tha molaidhean ann airson seach-rathad, tagsaidhean-uisge agus trèana-ionadail airson còmhdhail a leasachadh
Tha Seòmar Malairt Loch Abair agus luchd-gnothachais na sgìre ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba fuasgladh fhaighinn dha na trioblaidean trafaig tron bhaile.
Tha iad ag ràdh nach urrainn do na prìomh ghnìomhachasan a th' ann fàs air sgàth 's cho dona 's a tha cùisean.
Thuirt neach-labhairt Còmhdhail Alba: "Tha sinn ag aithneachadh nan dùbhlan còmhdhail a tha sa Ghearasdan.
“Tha moladh airson Plana Còmhdhail Amalaichte (ITP) a leasachadh don Ghearasdan.
"Dh’fhaodadh seo cuideachadh leis an trafaig air a' phrìomh rathad agus gus còmhdhail sheasmhach a leasachadh.
"Choinnich sinn ri buidhnean ionadail air a' mhìos seo chaidh gus bruidhinn air an t-slighe air adhart agus maoineachadh.
"Tha sinn a' gealltainn na h-obrach toinnte seo a thoirt ri chèile mar phàirt de phlana 'An Gearasdan 2040', gus am bi fuasgladh maireannach ann do mhuinntir an àite is do dhaoine eile a tha a' cleachdadh an A82 sa bhaile".