Cead do leasachadh an Ceasag a Tuath

David DixonTùs an deilbh, David Dixon / Geograph
  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air cead a thoirt do phlanaichean airson leasachadh ùr £6m airson goireasan do chàraichean dealain, bùth agus ionad-bìdh a stèidheachadh air làraich ann an Ceasag a Tuath faisg air an A9.

Tha an luchd-leasachaidh West Coast Estates ag ràdh gum faodadh am pròiseact suas ri 100 cosnadh a chruthachadh.

Chaidh grunn ghearanan a thogail an aghaidh nam planaichean.

Tha dragh air feadhainn mun bhuaidh a bheireadh na bùithdean air gnothachasan ann an Ceasag a Tuath fhèin.

Tha cuid eile air dragh a thogail mun ionad a bhith a' tàladh dhràibhearan òga a bhiodh ri mì-mhodh, agus mu sgudal a bhith air fhàgail ri linn nan gnothachasan a dh'fhaodadh a bhith stèidhichte sna bùithdean.

Ach tha feadhainn ag ràdh gu bheil mar a tha Ceasag a Tuath air fàs ga fhàgail ro mhòr airson nam bùithdean a tha sa bhaile mar thà, agus gun dèanadh bùth eile feum.

Thug Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Tuath cead dha na planaichean madainn Diciadain.