Maoineachadh ga dhearbhadh 'son rannsachaidh mu àrd-sgoil Ghàidhlig sna h-Eileanan an Iar

Àrd-sgoil MhicNeacail
Fo-thiotal an deilbh,

Tha cuspairean gan teagasg sa Ghàidhlig aig àrd-sgoiltean nan Eilean Siar ach thathar airson coimhead air a' bhuannachd a bhiodh an àrd-sgòil Ghàidhlig fa leth

  • Air fhoillseachadh

Dhearbh Riaghaltas na h-Alba gun toir iad seachad maoineachadh do rannsachadh feuch an gabh àrd-sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh anns na h-Eileanan an Iar.

Thèid taic chomhairlichean sna h-Eileanan a shireadh an ath-sheachdain airson sgrùdadh a dhèanamh feuch dè na buannachdan agus na dùbhlain a bhiodh an cois a bhith a' stèidheachadh àrd-sgòil Ghàidhlig.

Tha an aithisg a thèid air am beulaibh ag ràdh gum biodh feum air maoineachadh bhon riaghaltas gus an sgrùdadh seo a dhèanamh.

Ann am brath feasgar Dhiciadain, thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear, Ceit Fhoirbeis, air a bheil dleasdanas airson na Gàidhlig, gun tèid taic a thoirt seachad:

"'S e a bhith a' cur air adhart cleachdadh na Gàidhlig sna sgìrean far an tèid a bruidhinn gu traidiseanta rud a tha riatanach ri bhith a' cumail a' chànain beò ann am beatha làitheil.

"Gus taic a chur ri fàs a' chànain sna h-Eileanan an Iar, tha sinn deiseil maoineachadh a thoirt don Chomhairle gus sgrùdadh comais a chur an sàs a thaobh stèidheachadh àrd-sgoil Ghàidhlig ann an Steòrnabhagh".

Dh'aontaich comhairlichean coimhead ri àrd-sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh aig coinneimh phrìobhaidich san t-Samhain.

'S e ceannard Foghlaim agus Sheirbheisean Chloinne an ùghdarrais ionadail, Dòmhnall MacLeòid, a sgrìobh an aithisg air am beachdaich comhairlichean Dimàirt.

"Tha sinn airson agus gun tèid rannsachadh iomlan a dhèanamh air na cothroman, roghainnean, dùbhlain agus duilgheadasan feuch an obraich na thathar a' moladh", mhìnich Mgr MacLeòid.

"Tha na rinn a' Chomhairle airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a chur air adhart air soirbheachadh gu mòr san 40 bliadhna a dh'fhalbh, ach tha a-nis uallach orra leasachadh a bharrachd a dhèanamh gus fàs a bharrachd a thoirt air a' chànan le bhith a' beachdachadh air àite na Gàidhlig am foghlam àrd-sgoile, agus mar a bheireadh sin buaidh air an eaconomaidh".