Dùil ri fios mu mhaoineachadh bho Alba Chruthachail

Taigh-cluicheTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

'S e là mòr a th' ann Diardaoin dha na h-ealain an Alba is buidhnean air feadh na dùthcha a' feitheamh ri fios bho Alba Chruthachail mu mhaoineachadh iomadh bhliadhna.

Tha mòran aca air a bhith a' fulang anns na bliadhnaichean a dh'fhalbh air sgàth 's nach eil na tha iad a' faighinn bho Alba Chruthachail air èirigh fhad 's a chaidh na cosgaisean aca suas gu mòr.

"'Bho Alba Chruthachail, a tha a' toirt dhuinn cuid den mhaoineachadh againn, tha sinn air a bhith air an aon suim fad seachd bliadhna a-nise," thuirt Ceannard is Stiùiriche Cruthachail Theatre Gu Leòr, Seona NicGillFhionndaig, 's i a' bruidhinn air Aithris na Maidne.

"Agus ged a tha sinn a' feuchainn ri tòrr a dhèanamh leis an airgead a tha sin, bidh fios aig a h-uile duine nach eil an aon luach aig an airgead le mar a tha cosgaisean air a bhith a' dol an-àirde."

Gus am prògram aca a chumail suas, thuirt i gu bheil iad feumach air àrdachadh anns a' mhaoineachadh a tha iad a' faighinn.

"Tha sinn air a bhith a' feuchainn gun a bhith a' gearradh rudan a-mach às a' phrògram, ach tha nas lugha de chothroman ann do dhaoine - can nuair a tha thu a' cur dealbh-chluich air adhart, 's dòcha gun tèid thu gu beagan nas lugha de dh'àitichean no bidh agad ri nas lugha de chleasaichean a chleachdadh anns an dealbh-chluich," thuirt a' Bh-Ua. NicGillFhionndaig.

Thuirt i gum bi buaidh mhòr aig an naidheachd Diardaoin air a' phrògram aca thairis air an ath thrì bliadhna.

"Mura faigh sinn airgead idir, bidh againn ri obrachadh a-mach ciamar as urrainn dhuinn cumail oirnn mar chompanaidh, ma 's urrainn dhuinn."

Chualas bho chionn ghoirid cuideachd gu bheil uallach air an sgioba aig Fèis Cheilteach Innse Gall mun naidheachd a gheibh iad bho Alba Chruthachail.

Às aonais taice, chan eil fhios aca dè cho fada 's as urrainn dhaibh cumail a' dol, ged a thug an fhèis £4.1m a-steach dhan eaconomaidh ionadail an-uiridh, a rèir sgrùdaidh, is £12m anns an trì bliadhna a dh'fhalbh.

Thuirt Leas-chathraiche HebCelt, Eilidh Linc, an t-seachdain a chaidh: "Tha sinn ceart gu leòr airson na bliadhna seo ach ma tha sinn a' coimhead air adhart airson nam bliadhnaichean ri thighinn bidh buaidh mhòr ann mura h-eil an t-airgead seo ann agus feumaidh sinn coimhead air dòighean eile a chur air dòigh."

Tha Àrd-Oifigear an Lanntair, Sean Paul O'Hare, air bruidhinn a-mach mun t-suidheachadh roimhe cuideachd is e ag ràdh nach eil cinnt ann am faigh àiteachan mar An Lanntair ann an Steòrnabhagh, Taigh Chearsabhagh ann an Loch nam Madadh agus Eden Court an Inbhir Nis an taic a dh'fheumas iad airson cumail a' dol.