Maid of Glencoul gus tilleadh gu seirbheis

Maid of Glencoul
  • Air fhoillseachadh

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil dùil gun till an MV Maid of Glencoul gu seirbheis aig a' Chorran a dh'aithghearr.

Tha an soitheach - an dàrna aiseag air an t-slighe - air a bhith briste fad bliadhna.

Tha i a-nise cha mhòr 50 bliadhna a dh'aois is cuid san sgìre a' gabhail 'an Old Maid' oirre.

Ann am brath Dihaoine, thuirt an t-ùghdarras ionadail gun deach obair mhòr a dhèanamh air siostam stiùiridh a' bhàta.

Thuirt iad gun robh einnseanairean sònraichte agus sgiobairean riaraichte le deuchainnean mara timcheall air Eilean Bhòid.

'S e an ath-cheum gun tèid deuchainnean eile a dhèanamh an ath-sheachdain gus cead fhaighinn bhon MCA gus am bàta a thilleadh gu seirbheis.

"Tha an obair-càraidh air am Maid of Glencoul a-nise air a dèanamh", thuirt cathraiche Comataidh a' Bhun-structair, an Comh Ken Gowans.

"Thèid am Maid a chleachdadh air an t-slighe nuair a tha an an MV Corran a' dol dhan doc airson a seirbheis bliadhnail".

"Tha mi airson taing a thoirt dhan a h-uile duine a bha an sàs san obair is air tha fadachd orm am Maid of Glencoul fhaicinn air ais ann an Àird Ghobhar anns na seachdainean ri thighinn", thuirt e.