Am Maid of Glencoul briste a-rithist

Maid of Glencoul
  • Air fhoillseachadh

Tha slighe a' Chorrain ann an Loch Abar air a bhith às aonais bata-aiseig a-rithist thar deireadh na seachdain, agus siostam stiùiridh am Maid of Glencoul briste.

Bha i air an t-slighe an àite prìomh bhàta na seirbheis, an Corran, a tha air a bhith fo chàradh bhon uiridh, 's nach bi a' tilleadh gu, co-dhiù, deireadh na mìosa.

Thuirt muinntir na h-aiseig gum biodh an obair càraidh a' leantainn madainn Diluain agus gum bi seirbheis do luchd-coiseachd a' mhàin a' ruith eadar Àird Ghobhair agus an Gearasdan gus am bi am bàta air a cur ceart.

Tha muinntir na sgìre air a bhith a' gearain mu cho neo-earbsach sa tha an t-seirbheis.

Thàinig air Màiri Anna NicUalraig ann an Àird Ghobhar ri turas mòran nas fhaide na bha dùil aice a dhèanamh madainn Diluain.

"Ma tha na seirbheisean poblach uile ag obair mar is tric tha iad a' ceangal le chèile glè mhath, ach nuair a thèid aon eileamaid dheth tha gnothaichean a' tuiteam às a' chèile do dhaoine a tha air an taobh a tha seo dhen loch agus Àird na Murchain agus a-mach gu Muile.

"Tha e a' toirt buaidh air a h-uile duine. Tha e a' ciallachadh dhomhsa gum bi mi air mo chois aig 5:00m son beir air trèan agus chan e sin idir an rud a bha a dhìth orm," thuirt i.

Thuirt Ms NicUalraig nach eil còir aig muinntir na sgìre a bhith a' pàigheadh airson na seirbheis gus an till an Corran chun na slighe: "Tha daoine a' feitheamh ùineachan mòra airson faighinn tarsaing - ma tha iad a' faighinn tarsaing idir.

"Cuir sin an cois nan gnìomhachasan a tha a' cur suas le mìos eile de dhaoine nach eil a' tighinn dhan sgìre agus a' cosg airgid luchd-turais agus a' coimhead ri geamhradh a dh'fheumas iad faighinn troimhe, tuigidh tu carson a tha sinn a' smaoineachadh gu bheil e ceart agus onarach daoine a tha a' fuireach sa sgìre - cha bu chòir dhuinn a bhith a' pàigheadh gus an till an soitheach a bu chòir a bhith air an t-seirbheis."