Fearann air a cheannach 'son sgoil an Naomh Cliamain

Sgoil an Naomh Cliamain
  • Air fhoillseachadh

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad air pìos fearainn a cheannach airson sgoil ùr a thogail ann an Inbhir Pheofharain do sgoilearan le feumalachdan a bharrachd.

Leis nach eil airgead ann airson an sgoil fhèin a thogail ge-tà, tha iad cuideachd air còmhraidhean iarraidh le Riaghaltas na h-Alba a thaobh maoineachaidh 'son seo is sgoiltean eile air feadh na Gàidhealtachd.

Bidh Sgoil Speisealta an Naomh Cliamain ann an Inbhir Pheofharain a' toirt seachad foghlaim do chloinn eadar trì agus ochd deug bliadhna de dh'aois, le sgoilearan a' faighinn taic a bharrachd mu choinneimh chiorramachd fiosaigeach agus trioblaidean niùro-eòlach.

Chan eil togalach na sgoile aig ìre san là a th' ann is tha pàrantan air a bhith ag iomairt airson sgoile ùire fad 20 bliadhna.

Ged a thug Comhairle na Gàidhealtachd cead seachad 'son togalaich ùir ann an 2021, dh'fhailich orra maoineachadh fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba.

Thuirt an Riaghaltas gun d' fhuair a' Chomhairle buannachd à cuairtean maoineachaidh roimhe.

Tha an t-ùghdarras ionadail a-nise air dearbhadh gu bheil iad air pìos fearainn a cheannach airson na sgoile ùire.

Ged a dh'aidich iad nach eil airgead aca an-dràsta airson gluasad air adhart leis a' phròiseact, thuirt iad gur e ceum air adhart a th' ann gu bheil fearann a-nise aca.

Thuirt iad gu bheil togalaichean sgoile air Ghàidhealtachd san fharsaingeachd aig ìre pìos nas miosa na an còrr de dh'Alba, is dh'innis iad gu bheil iad air còmhraidhean iarraidh le Riaghaltas na h-Alba feuch ciamar as urrainn dhaibh an suidheachadh a leasachadh.