A' Ghàidhlig fhathast 'An Aghaidh nan Creag'?

An t-Ollamh Coinneach MacFhionghain
Fo-thiotal an deilbh,

Rinn an t-Oll Coinneach MacFhionghain nach maireann obair ionmholta gus suidheachadh na Gàidhlig a rannsachadh is a mhìneachadh thar iomadh bliadhna

  • Air fhoillseachadh

“‘S e mìorbhail nach beag a th’ ann gun tàinig piseach sam bith air suidheachadh na Gàidhlig – agus tha seo a’ toirt cothrom dhan chànan agus dhan luchd-labhairt fiù ‘s aig an àm seo is i ri oir na creige”.

‘S e sin a sgrìobh an t-Oll. Coinneach MacFhionghain nach maireann, Coinneach Sgrùd, ann an aithisg a rinneadh do Chomunn na Gàidhlig ann an 1992. Bha ‘An Aghaidh nan Creag’ a’ coimhead ri mar a bha a’ Ghàidhlig air tighinn beò às an 20mh Linn agus dè na cothroman a bha ron chànan san àm ri teachd

Bha an t-Oll. MacFhionghain, a bha gu mòr an sàs ann an rannsachadh na Gàidhlig aig an àm, a’ sgrìobhadh mus deach figearan a’ Chunntais-Shluaigh bho 1991 fhoillseachadh is e ag amas air dealbh coileanta a chur an cèill mun t-suidheachadh a bh’ ann gus na figearan a bha a’ tighinn a thuigsinn is a chur ann an co-theacsa.

Ged nach do chleith an t-Oll. MacFhionghain dùbhlain mhòra na Gàidhlig, thog e air boillsgidhean dòchais le foghlam is obair aig na tràth-ìrean, buidhnean leasachaidh ùra, fàs anns na meadhanan is na h-ealain, is mar a bha barrachd luchd-ionnsachaidh – “na Gàidheil ùra” mar a thug e orra – a’ tighinn air adhart. ‘S e sin am piseach air an robh e a-mach, ged a bha e ag aithneachadh gun robh an cànan “ri oir na creige”.

Tùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,

B' e am 20mh den Mhàrt là a' Chunntas-Shluaigh an 2022

Sgrìobh e cuideachd gum feumar a bhith “gu math fhèin faiceallach” a thaobh tomhas a dhèanamh air figearan 1991 stèidhichte air pàtranan nan cunntasan mu dheireadh. Nan rachadh pàtran 1971-1981 a chur an sàs, thuirt e, bhiodh 75,100 luchd-labhairt ann ann an 1991.

Bha rabhadh an Oll. MacFhionghain ceart oir nuair a nochd na figearan ann an 1994 sheall iad 65,978 duine le comas-labhairt sa Ghàidhlig. Bha seo sìos bho 79,307 ann an 1979. ‘S e mearachd mhòr a bhiodh ann gun feart a ghabhail air na figearan, thuirt àrd-stiùiriche a’ Chomuinn Ghàidhealaich, Dòmhnall Iain MacSuain, is e ag ràdh gur e inbhe thèarainte ‘son na Gàidhlig am fuasgladh.

“Cha bhi e comasach gnothaichean a leasachadh gus am faigh an cànan inbhe thèarainte is cothrom aig a h-uile pàiste ann an Alba an cànan tùsanach aca ionnsachadh san sgoil. Feumaidh taic riaghaltais a chur an sàs gus buidhnean ro-sgoile a chuideachadh is cothrom do chloinn air feadh na h-Alba air foghlam tron Ghàidhlig ma tha iad ga iarraidh," thuirt Mgr MacSuain.

Bha Ailean Caimbeul, a bha os cionn Comunn na Gàidhlig aig an àm, nas dòchasaiche. Thog esan air mar a bha na cunntasan mu dheireadh air sealltainn gun robh barrachd den luchd-labhairt a bh’ ann am measg nan aoisean a bu shine. Cha robh e na iongnadh mar sin gun robh lùghdachadh ann, thuirt e, is e a’ togail air fàs mòr ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig fiù ‘s bho chaidh cunntas-sluaigh 1991 a dhèanamh.

“Tha fàs na Gàidhlig an urra ri daoine òga is na teaghlaichean aca is bidh ginealach eile mus fhaic sinn atharrachadh mòr. Chan urrainn dhuinn crìonadh linntean a thionndadh ann an deich bliadhna. Tha sinne den bheachd gun seall an ath chunntas dealbh eadar-dhealaichte. ‘S dòcha gum bi crìonadh ann ach cha bhi e cho mòr”, thuirt Mgr Caimbeul.

Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh An Aghaidh nan Creag a chur ann an clò mus deach figearan 1991 fhoillseachadh

'S e sin an dearbh rud a thachair is figearan 2001 a’ sealltainn gun robh an àireamh de dhaoine le comas-labhairt sa Ghàidhlig air tuiteam bho 65,978 gu 58,652, ged a bha àrdachadh ann a thaobh chomasan leughaidh is sgrìobhaidh. Crìonadh san fharsaingeachd – ach crìonadh nach robh cho mòr.

Bha iomagain ann gu sònraichte ge-tà, mun t-suidheachadh anns na sgìrean far an robh a’ Ghàidhlig gu traidiseanta air a bhith glè làidir, ann an sgìrean Comhairle na Gàidhealtachd is Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, ach gu seachd àraid anns na h-Eileanan an Iar far an robh crìonadh cha mhòr 20% an taca ri 1991. ‘S ann an Sgìre Bharbhais a bha an ìre a b' àirde de luchd-labhairt ann an Alba aig 75%, ach bha seo fhèin sìos bho 87% ann an 1991.

Bha seòrsa de dhealbh a’ nochdadh: fàs anns na bailtean is foghlam Gàidhlig a’ toirt buaidh, ach suidheachadh dùbhlanach air a’ chosta an iar. A’ bruidhinn ris a’ phàipear-naidheachd an Guardian, thuirt Ailean Caimbeul gun robh a’ Ghàidhlig a-nise “glè chugallach”.

Bha an deasad mu inbhe thèarainte air sìor leantainn, ged a bha cuid a’ ceasnachadh dè dìreach a bhiodh e a’ ciallachadh gu practaigeach. Ach bha aonta ann gur e seo a bha coimhearsnachd na Gàidhlig ag iarraidh agus às an iomairt, thàinig mu dheireadh thall Achd na Gàidhlig 2005 is Bòrd na Gàidhlig ga stèidheachadh. Bhiodh Ailean Caimbeul fhèin os cionn a’ Bhùird ann am bliadhnaichean tràth na buidhne.

Fo-thiotal an deilbh,

Tha Ailean Caimbeul air a bhith gu mòr an sàs ann an leasachadh na Gàidhlig thar iomadh bliadhna

Thàinig dòchas, gu ìre, à cunntas-sluaigh 2011. Bha an crìonadh ann an luchd-labhairt gu math beag an turas seo, sìos bho 58,652 gu 57,602. Uile gu lèir, bha 87,100 neach le sgilean air choireigin sa Ghàidhlig.

Ach ged a bha an crìonadh aig ìre gu math nas lugha, thog mòran de na cinn-naidheachd a-rithist air na sgìrean traidiseanta. Bha comas-labhairt sa Ghàidhlig anns na h-Eileanan an Iar air tuiteam gu 52.3% bho cha mhòr 60% ann an 2001. B' e Barbhas fhathast an sgìre a bu treasa ach bha an ìre den t-sluagh an sin le Gàidhlig air tuiteam a-rithist gu 64%. ‘S e Cille Mhoire an aona sgìre san Eilean Sgitheanach le mòr-chuid, is sin a' toirt a-steach feadhainn a bha a' tuigsinn na Gàidhlig ged nach robh iad ga bruidhinn. Ann an Tiriodh bha sgilean Gàidhlig aig 45% den t-sluagh (38% ga bruidhinn) is 26% ann an Ìle (19% ga bruidhinn).

Am measg seo uile bha àrdachadh – àrdachadh fìor bheag aig 0.1% - ann an luchd-labhairt le Gàidhlig a bha nas òige na 20 bliadhna a dh’aois. A-rithist, ‘s ann a bha coltas ann gun robh fàs ann am foghlam Gàidhlig le aonadan is sgoiltean a’ nochdadh, ach cùisean fhathast a’ dol bhuaithe anns na coimhearsnachdan traidiseanta.

Tha am fàs sin ann an FtMG air a bhith na adhbhar-misneachd do mhòran. Tha duilgheadasan a’ leantainn le tidsearan gu leòr a thrèanadh mu choinneimh an iarrtais a th’ ann – is ceistean cuideachd mu ìrean fileantachd sgoilearan – ach tha FtMG air sìor leudachadh. Chaidh cead-dealbhachaidh a thoirt seachad aig toiseach na mìos seo fhèin airson bun-sgoile Gàidhlig ùire ann an Glaschu, an ceathramh sgoil Ghàidhlig a bhios sa bhaile.

Fo-thiotal an deilbh,

Tha ceistean is dragh a' leantainn mu shuidheachadh na Gàidhlig anns na sgìrean traidiseanta

Tha fàs ann an Dùn Èideann cuideachd, ged a tha maill air a dhol air planaichean ‘son FtMG a leasachadh an sin, agus foghlam Gàidhlig air tòiseachadh ann an sgìrean eile far nach robh i roimhe. Agus anns na sgìrean traidiseanta fhèin tha Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh air soirbheachadh bho dh’fhosgail i ann an 2018, le iarrtas làidir cuideachd air na sgoiltean ann an Loch Abar is Inbhir Nis. Anns na h-Eileanan an Iar chaidh poileasaidh ùr a chur an sàs ann an 2020 is gach pàiste a tha a’ toiseachadh san sgoil a’ dol tro FtMG, mura bi iarrtas ann ro-làimhe gur ann tron Bheurla a thèid iad.

Tha deasbad air leantainn cuideachd mu chòir air foghlam Gàidhlig, mar a dh’iarr Dòmhnall Iain MacSuain às dèidh chunntais-sluaigh 1991. Chan eil an còir sin a’ nochdadh ann am Bile nan Cànanan Albannach, a tha a’ dol tron Phàrlamaid an-dràsta.

“Tha foghlam deatamach”, thuirt Ailean Caimbeul nuair a nochd figearan 2011. “Ach mar a tha Bòrd na Gàidhlig air a bhith ag ràdh agus a’ putadh gu math làidir, ‘s e a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig anns an dachaigh agus sa choimhearsnachd an ath rud as cudromaiche.

"Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil meadhanan againn a-nise a tha ag obair a dh’ionnsaigh sin. Tha BBC ALBA fhèin is Radio nan Gàidheal uabhasach fhèin cudromach ann a bhith a’ cruthachadh cha mhòr coimhearsnachd mas-fhìor – virtual community. Mura b’ e craoladh tha mi a’ smaoineachadh gum biodh suidheachadh a’ chànain fiù ‘s na bu laige na tha e”.

Tùs an deilbh, Comhairle Ghlaschu
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dùil gum fosgail Bun-sgoil Ghàidhlig a' Challtainn aig toiseach 2026. 'S e an ceathramh sgoil Ghàidhlig a bhios ann an Glaschu.

‘S ann air coimhearsnachd is coimhearsnachdan a bha mòran den deasbad mun Ghàidhlig bho chunntas-sluaigh 2011 stèidhichte. Bha an leabhar The Gaelic Crisis in the Vernacular Community aig teis-mheadhan an deasbaid sin bho nochd e ann an 2020, is Sgioba Shoillse aig UHI a’ cur an cèill gu bheil a’ Ghàidhlig ann an staing uabhasach anns na sgìrean traidiseanta is gum bàsaich i mar chànan coimhearsnachd a dh’aithghearr mura bi cruth-atharrachadh anns na poileasaidhean is slighe leasachaidh a bh’ ann gu seo.

Tha an luchd-rannsachaidh air a ràdh bhon uair sin nach deach adhartas gu leòr a dhèanamh bho dh’fhoillsich iad an leabhar. Is aig an dearbh àm, tha buidheann eile de dh’eòlaichean air ceistean a thogail mun rannsachadh fhèin.

Bho chionn dìreach beagan sheachdainnean, thog prìomh ùghdar an leabhair, an t-Oll. Conchur Ó Giollagáin, air ceist nan coimhearsnachdan ann an seisean fianais ann am Pàrlamaid na h-Alba mu Bhile nan Cànanan Albannach. Tha dà bhuidhinn ann an saoghal na Gàidhlig an-diugh, thuirt e: “na tha air fhàgail de na coimhearsnachdan dùthchasach, is an uair sin na lìonraidhean eile de luchd-ionnsachaidh is luchd-labhairt ann am pàirtean eile de dh’Alba. Thog sinn air ìre na coimhearsnachd is tha mi a’ smaointinn gu bheil uallach air an Riaghaltas aideachadh gu bheil staing ann is prìomhachas a chur air dèiligeadh ri sin”.

A’ freagairt sa mhionaid bha an t-Oll. Wilson MacLeòid bho Oilthigh Dhùn Èideann, a thog air fàs na Gàidhlig ann an diofar phàirtean na h-Alba is na cothroman cur ris. Cha bu chòir idir cùl a chur ris na cothroman sin, thuirt e.

Fo-thiotal an deilbh,

Tha fàs ann am Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh bho dh'fhosgail i air a bhith na adhbhar-misneachd do mhòran

Bha mac-talla an seo bho rud eile a sgrìobh an t-Oll. Coinneach MacFhionghain ann an ‘An Aghaidh nan Creag’: mar a bhiodh luchd-ionnsachaidh a' sìor fhàs nas pailte, is mar a dh’fheumadh luchd-labhairt bho thùs is luchd-ionnsachaidh dòighean fhaighinn tighinn còmhla ann an coimhearsnachd nas fharsainge.

A rèir na chuala sinn sa Phàrlamaid co-dhiù, ‘s dòcha gu bheil a’ cheist sin ann fhathast. Agus ceist nas doimhne, ‘s dòcha, air dè cho mòr ‘s a tha a’ choimhearsnachd fhèin fiù ‘s an sàs san deasbad sin is strì na Gàidhlig san fharsaingeachd.

Sin ann no às, tha e follaiseach gum bidh sùil gu math geur air figearan ùra 2022 ann an sealladh an deasbaid a tha air a bhith ann bho chaidh The Gaelic Crisis in the Vernacular Community fhoillseachadh.

Bha ceist na coimhearsnachd gu mòr cuideachd fon phrosbaig leis an naidheachd aig toiseach na bliadhna gun rachadh Sgeama nan Oifigearan Gàidhlig à bith air sgàth gearradh ann am buidseat Bhòrd na Gàidhlig.

Chaidh an sgeama a ghlèidheadh air a' cheann thall, ged a tha mì-chinnt ann fhathast mu mhaoineachadh san ùine fhada, is mì-thoileachas a' leantainn cuideachd am measg luchd-iomairt mu bhuidseat na Gàidhlig san fharsaingeachd.

Fo-thiotal an deilbh,

The Gaelic Crisis in the Vernacular Community, leabhar a tha air buaidh mhòr a thoirt air deasbad na Gàidhlig anns na beagan bhliadhnaichean mu dheireadh

Chuir an t-Oll Coinneach MacFhionghain nar cuimhne air ais ann an 1992 nach eil an cunntas-sluaigh fhèin ag innse dhuinn dad mu chleachdadh cànain san dachaigh no sa choimhearsnachd. Tha sin fìor fhathast – ach bheir na figearan a gheibh sinn madainn Dimàirt buaidh mhòr air misneachd dhaoine is poileasaidhean Gàidhlig anns na bliadhnaichean ri thighinn

Bidh cuid a’ smaoineachadh air Coinneach Sgrùd fhèin nuair a nochdas am fiosrachadh is dlùth-cheangal cho fada aige fhèin le cor na Gàidhlig sa chunntas-sluaigh. ‘S iomadh rud a chunnaic sinn bho 1992. Agus ‘s iomadh rud, a rèir choltais, nach do dh’atharraich gu ìre mhòir sam bith bho sgrìobh e gun robh a’ Ghàidhlig ri oir na creige ach le cothrom fhathast - is gun sealladh toraidhean a’ Chunntais-Shluaigh a bha a’ tighinn dè na prìomhachasan a bu chòir a bhith ann a thaobh poileasaidh is gnìomha.

Seo sinn a-rithist ma-tha.