Gearan mu bhuaidh dìth aiseig air na Hearadh
- Air fhoillseachadh
Tha Buidheann Leasachaidh na Hearadh air gearan mu bhuille mhòr eile dhan eaconomaidh ionadail, leis an dàil a thàinig air fosgladh cìdhe Ùige às ùr.
Bidh Dihaoine ann mus fhosgail e, agus trioblaid air nochdadh le puist-cheangail a chuireadh ris san obair-leasachaidh mu dheireadh.
"A h-uile là a tha sinn às aonais an aiseig tha e na bhuille dha na gnìomhachasan againn," thuirt Cathraiche Buidheann Leasachaidh na Hearadh, Coinneach MacLeòid.
"Bha iad a' feuchainn ri cidhe an Tairbeirt a dhùnadh airson sia mìosan, ach chaidh sinn an aghaidh sin 's gheall iad dhuinn gur e ochd seachdainnean agus sia seachdainnean a bhiodh ann.
"Niste, an dà rud a chaidh a dhèanamh chaidh iad thairis.
"Thàinig e mar bhuille chruaidh nach do dh'fhosgail e an t-seachdain seo chaidh nuair a bha dùil.
"Bhiodh daoine a' coimhead ri siubhal airson na Nollaige, dhachaigh 's air adhart mar sin, agus tha e a' dèanamh buille mhòir dhan choimhearsnachd air fad.
"Chan eil sinn a' tuigsinn carson.
"Chaidh cidhe ùr a thogail air an Tairbeart, agus cha do chaill sinn ach dà aiseag fad na h-ùine sin.
"Chaidh alt-aiseig a dhà leud 's a bh' ann a chur an Ullapul agus cha do dhùin i ach airson ceithir seachdainnean.
"Tha mar a chaidh an cùmhnant a dhèanamh air buille mhòr, mhòr a thoirt, gu h-àraid dha na Hearadh ach cuideachd air coimhearsnachd Uibhist mar a tha iadsan a-niste a' ruith a dh'Ullapul.
"Chan eil fhios againn carson. Chan eil e a' dèanamh ciall.
"Is cinnteach gum bi iad air bruidhinn ri sgiobairean nam bàtaichean 's gum bi fhios aca cà' robh na puist-cheangail seo ri dhol, fada mus tàinig bàta a-steach a cheangail riutha an t-seachdain seo chaidh," thuirt e.
Tha a' bhuidheann leasachaidh cuideachd air coinneamh iarraidh le Ministear na Còmhdhail, agus CMAL - companaidh ghoireasan ChalMac - le ceist mu cho iomchaidh 's a bhios na cidhichean leasaichte ann an Ùige, an Tairbeart agus Loch nam Madadh dha na bàtaichean aiseig ùra a tha gan togail an-dràsta san Tuirc.
B' ann le dùil ri bàta ùr eile, a tha fhathast ga togail air Abhainn Chluaidh, a bha na cidhichean air an leasachadh.
"Tha fhios againn mar-thà, an Hebrides an-dràsta, chan urrainn dhan bhòrd-choise dhan luchd-siubhail a chleachdadh air cuid de sheòlaidhean ma bhios tràigh reothairt ann.
"A chionn bidh an cidhe ùr 1.5m na b' àirde na an t-seann fhear, agus air na làithean sin feumaidh an luchd-siubhail coiseachd dheth air deic nan càraichean.
"Niste an tè ùr a tha a' tighinn, tha i còig meatairean nas lugha na an Hebrides, agus tha an t-uallach oirnn gum bi i nas miosa buileach na sin.
"Tha sinn cuideachd air cluinnteil bho Khevin Hobbs aig CMAL, gu bheil duilgheadas ann dhan fheadhainn ùra a dhol a-steach an comhair an toisich ann an Loch nam Madadh.
"Sgrìobh sinn thuige ag iarraidh coinneimh cho tràth 's a b' urrainn den bhliadhna ùir, gum b' urrainn dhuinn obrachadh còmhla riutha air dòighean fhaighinn an-dràsta aig an ìre aig a bheil na bàtaichean, gun urrainn atharrachaidhean beaga a dhèanamh," thuirt e.