"Bha e mar aon là mòr, fada, grannda"
- Air fhoillseachadh
Tha fichead bliadhna ann bho bhuail stoirm millteach dha-rìribh air Alba, leis a' bhuille bu chruaidhe air fhaireachdainn ann an Uibhist.
Chailleadh còignear bhon aon teaghlach.
Dh'fhàg Eardsaidh Mac a' Phearsain, a bhean Murdina, agus an dithis chloinne aca Anndra agus Hannah, an dachaigh còmhla le athair Murdina, Calum Caimbeul, agus iad ag amas air faighinn gu àite nas sàbhailte.
Thòisich an 11mh là den Fhaoilleach 2005 mar là sam bith eile.
Daoine ris na bh' aca ri dhèanamh. Clann a' dol dhan sgoil.
Ach bha droch aimsir air fàire.
Tràth air an fheasgar, bha na sgoiltean air dùnadh, 's bha daoine a' dèanamh air an taigh.
Thog a' ghaoth, agus thàinig an t-uisge. Chaidh an dealan dheth, agus dh'èirich an làn.
Bha Dòmhnall MacÌosaig os cionn sgioba einnsein smàlaidh ann am Beinn nam Fadhla.
Aig Baile nan Cailleach, 's iad a' freagairt gairm, bha iad air an glacadh ann an suidheachadh eagallach.
"An t-siabach a bha a' tighinn far a' chladaich, bha pòlaichean 's maidean 's pìosan de lìon iasgaich 's a h-uile sìon a bh' ann a' dòrtadh a-staigh," thuirt e.
"Chanainn gun robh e eadar ceithir is còig troighean de dh'àirde. Mar gum biodh abhainn a' dòrtadh thugainn.
"Bhuail sin an uair sin air an rathad mhòr anns an einnsean smàlaidh agus stad i. Chaidh a h-uile sìon às.
"'S thog an t-uisge suas, chanainn gun deach e suas gu far an robh sinne mu thrì troighean.
"So dh'fheumadh sinn an uair sin studaigeadh dè bha sinn a' dol a dhèanamh.
"'S e feuchainn ri faighinn àiste. Dh'fheumadh sinn feuchainn gu àite nas àirde 's nas sàbhailte."
Fhuair iadsan gu àite sàbhailte.
Ann an dorchadas na h-oidhche, thuit am bruthadh ìosal gu luath, a' togail na gaoithe gu suas ri 124 m.s.u.
An cois mullach reothairt, ràinig an làn àirde nach fhacar ann an cuimhne dhaoine - aig a' char as lugha còrr air dà throigh nas àirde na bu chòir air an oidhche sin.
Dh'fhàg an teaghlach Mhic a' Phearsain an taigh aca ann an Cille Amhlaigh, còmhla ri athair Murdina, Calum Caimbeul, ann an dà chàr 's iad am beachd faighinn gu àite nas sàbhailte.
Bha athair Eardsaidh, Dàibhidh, ag obair na dhreuchd mar neach-dìon aig Raon nan Rocaidean an oidhche sin.
Ach bha cuid eile den teaghlach aig an dachaigh sa Ghearradh Ghainnmheachaidh san Ìochdar.
"An fheadhainn a bha a-staigh, bha Margaret is Dòmhnall 's an teaghlach, bha iad a' fuireach againn aig an àm", tha Dàibhidh ag ràdh.
"Bha iad gu bhith ullamh an taigh a thogail ann an Loch Baghasdail.
"Dh'fhòn Eardsaidh a ràdh gum biodh visitors againn ann an ùine ghoirid.
"Ach cha do thachair sin."
Cha robh foir aig Dàibhidh no a theaghlach, no teaghlach Chaluim agus Murdina chun an ath là gun robh iad air a dhol a dhìth.
Thug e trì là a h-uile duine a lorg.
"Bha e mar aon là mòr, fada, grannda," thuirt Niall Caimbeul, mac Chaluim agus bràthair Murdina.
"Agus a h-uile là bha rudeigin eile a' tighinn. Naidheachd eile, siubhal dhaoine, daoine a-muigh a' siubhal airson Murdina, airson Anndra 's Hannah.
"Agus bha sinn mothachail gun robh sin a' tachairt. Bha sinn mothachail gun robh tòrr dhaoine a-muigh a' feuchainn ri cuideachadh," thuirt e.
'S e buille nach gabh tomhas a bha seo dha na teaghlaichean Mhic a' Phearsain agus Caimbeul.
Dh'fhairich a' choimhearsnachd e cuideachd.
Bha Anndra agus Hannah a' dol gu Sgoil an Ìochdair, agus bha Murdina ag obair an sin.
Ann am beachd Màiri NicAonghais, a bha na ceannard air an sgoil sin aig an àm, dh'atharraich an stoirm daoine agus cleachdaidhean.
"Thòisich daoine a bhith gu math, gu math, gu math faiceallach mu dheidhinn na sìde," thuirt i.
"Chaidh mòran phoileasaidhean is mòran phròiseasan às ùr a chur ann a thaobh daoine a bhith sàbhailte, daoine a bhith a' coimhead às dèidh a chèile.
"Agus anns an dòigh sin dh'fhàs daoine gu math, gu math faiceallach.
"Agus chaidh obair a dhèanamh air na cladaichean 's air na rathaidean.
"Ach tha obair mhòr ri dhèanamh fhathast gu h-àraid a thaobh sàbhaladh an eilein bhon uisge 's bho na stoirmean.
"Agus chan eil an obair sin crìochnaichte no fiù 's ach a' tòiseachadh fhathast.
"Tha mise an dòchas gum bi sin a' leantail air adhart, air sàilleibh tha an t-eilean ann an cunnart," thuirt i.
Tha an cràdh fhathast follaiseach dha na teaghlaichean.
"Tha fichead bliadhna o thachair e, agus chan fhaigh thu riamh seachad air," thuirt Niall Caimbeul.
"Faodaidh tu dèiligeadh ris ann an dòighean diofrach, agus faodaidh tu feuchainn ri a chur ann an àite ceart, ach cha tèid e a-mach às do rathad, a-mach às do shealladh.
"Chan fhaigh thu seachad air.
"Tha e ann ge b' oil leat, agus tha e ann fad na h-ùine, a h-uile là, agus a h-uile oidhche."
Bidh prògram sònraichte aig Eòrpa air BBC ALBA air an 29mh den Fhaoilleach a' comharrachadh 20 bliadhna bho stoirm Uibhist.