Naidheachdan 11:00m

Fo-thiotal a’ bhidio,

Naidheachdan 11:00m

  • Air fhoillseachadh

An Taghadh Coitcheann

Thuirt Rishi Sunak gu bheil cunnart ann gun toir bhòt do Reform UK làn chead dhan Phartaidh Làbarach cìsean a chur suas. Bha Mgr Sunak a' bruidhinn air cunntas-bheachd YouGov a tha a' cur Reform puing air thoiseach air na Tòraidhean. Tha rannsachaidhean eile a' cur nan Tòraidhean san dàrna àite, air dheireadh air na Làbaraich.

An Ucràin

Rinn an Ceann-suidhe Biden agus an Ceann-suidhe Zelensky aonta deich bliadhna fon cum na Stàitean Aonaichte taic le tèarainteachd ris an Ucràin agus thuirt Mgr Biden aig àrd-choinneamh an G7 san Eadailt gum faigh an Ucràin còig siostaman dìon adhair a dh'aithghearr.

An Fhionnlann

Tha feachd crìche na Fionnlainn an amharas a-niste gun deach ceithir itealain cogaidh Ruiseanach a-staigh os cionn na dùthcha Diluain. Thuirt ministearachd dìon na Fionnlainn ron seo gur e aon itealan Ruiseanach a bh' ann airson beagan a bharrachd air dà mhionaid.

Tùr Grenfell

Bidh teaghlaichean a chaill càirdean agus feadhainn a thàinig beò a teine tùr Grenfell a' cur cuairt air an sgìre sin de Lunnainn a-nochd. Bidh iad a' comharrachadh seachd bliadhna bho chaill 72 daoine am beatha san teine.

Àireamhan Tesco

Sheall figearan Tesco prothaid 3.4% sna trì mìosan mu dheireadh. Tha a' phrothaid de £15.3 billean airson nan 13 seachdainnean dhan 25mh den Chèitean. Thuirt Tesco gun do chuir iarrtas mòr air biadh ùr ris na figearan sin.

Tubaist air an A82

Tha dùil ri boireannach sa chùirt ann an Inbhir Nis Diluain an dèidh tubaist rathaid faisg air a' Ghearasdan an-raoir san deach triùir a dhroch ghoirteachadh. Thachair an tubaist aig Carr's Corner air iomall a' bhaile goirid ro sheachd uairean an-raoir. Tha na polais ag iarraidh fiosrachaidh bho dhuine sam bith a chunnaic, no aig am bheil dealbhan dashcam de na thachair.

Euro 2024

Tha am Bòrd Turasachd ann am Munich den bheachd gu bheil còrr 's 150,000 de luchd-taic na h-Alba aig an ìre seo sa bhaile airson toiseach Euro 2024. Tha an fharpais a' fosgladh a-nochd leis a' gheam eadar Alba agus a' Ghearmailt.