Poilis ag iarraidh fiosrachaidh an dèidh tubaist le càr a bh' air a ghoid

Seacaid Phoilis
  • Air fhoillseachadh

Tha na Poilis ag iarraidh fiosrachaidh an dèidh mar a bha càr a bh' air a ghoid à sgìre Bhucaidh ann an Siorrachd Bhainbh an sàs ann an droch thubaist-rathaid faisg air Inbhir Nis Dihaoine às an deach triùir a thoirt dhan ospadal.

Thugadh dithis den triùir dhan ospadal ann an heileacoptair. Bhàsaich cù san tubaist cuideachd.

Thachair an tubaist air an A96 aig Peitidh, eadar Inbhir Nis is Inbhir Narann mu 08:45m Dihaoine.

Bha càr Vauxhall Corsa dearg agus Volvo dubh an sàs.

Thathas a' tuigsinn gun deach an Corsa a ghoid à sgìre Great Western Road ann am Bucaidh mu 07:30m an aon là.

Thugadh boireannach, 50, a bha a' dràibheadh a' Chorsa, a dh'Ospadal Rìoghail Obar Dheathain ann an heileacoptair, còmhla ri boireannach eile, 74, a bha sa chàr eile.

Thugadh fireannach aois 74 a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis ann an ambaileans rathaid.

"Tha an rannsachadh againn air an tubaist agus na thachair air thoiseach air a' leantainn," thuirt an Sàirdseant Ewan Calder.

"Dh'iarrainn air duine sam bith a bha san sgìre aig an àm 's a chunnaic na thachair, no a chunnaic na carbadan mus do thachair an tubaist tighinn a bhruidhinn rinn.

"Dh'iarrainn cuideachd air dràibhearan le dashcam coimhead air na dealbhan aca 's rud sam bith a dh'fhaodadh a bhith cudromach a thoirt gu ar n-aire."