Dùil ri fios mun "tuath-gaoithe coimhearsnachd as motha san Rìoghachd"

- Air fhoillseachadh
Tha dùil gun tèid modail fhoillseachadh an-diugh airson an "tuath-gaoithe coimhearsnachd as motha san Rìoghachd Aonaichte" a chruthachadh anns na h-Eileanan an Iar.
'S iad Comhairle nan Eilean Siar, Urras Steòrnabhaigh agus Urras Tuath-gaoithe Coimhearsnachd Mhuaitheabhail a tha air cùl phlanaichean gus pàirt de dhà leasachadh gaoithe anns na h-Eileanan a chur ann an làmhan an t-sluaigh.
Thathar ag amas air 20% den phròiseact aig Lewis Wind Power aig Tuath-gaoithe Steòrnabhaigh is 20% den leasachadh aig Eurowind aig Tuath-gaoithe Uisenis a chur fo smachd na coimhearsnachd.
Cha deach na leasachaidhean gaoithe fhèin a thogail fhathast ach tha na companaidhean air leigeil fhaicinn roimhe gu bheil iad taiceil dhan sgeama.
Tha na trì buidhnean ag ràdh gum biodh an t-aonta a' ciallachadh gum biodh smachd aig a' choimhearsnachd air 80MW de chumhachd a chruthachadh, nas motha na leasachadh coimhearsnachd sam bith eile san Rìoghachd Aonaichte.
Tha dùil ri tuilleadh mìneachaidh an-diugh bho chathraiche Urras Steòrnabhaigh, Tormod MacÌomhair, is ceannard CnES, Pòl Steele, còmhla ri riochdaire bho Urras Tuath-gaoithe Coimhearsnachd Mhuaitheabhail.
Cuiridh iad air dòigh am modail a chleachdas iad 'son an sgeama, cho math ri barrachd mìneachaidh mu dheidhinn adhartas nam planaichean agus an oidhirp air 20% de na leasachaidhean a chur ann an làmhan na coimhearsnachd.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh3 An t-Ògmhios