Leòdhasaich Companaidh Bhàgh Hudson

- Air fhoillseachadh
'S i a' chompanaidh as sine ann an Canada agus tha ceanglaichean aice ri na h-eileanan a' dol air ais bliadhnaichean.
'S iomadh eileanach a fhuair cosnadh ann an Companaidh Bhàgh Hudson - gu h-àraid 's an 19mh linn.
Tha fear à Leòdhas air leabhar ùr a sgrìobhadh mu chuid de na Leòdhasaich a bha ag obair aig a' bhuidhinn.
Chaidh "Pemmican and Portages" fhoillseachadh ann an Steòrnabhagh na bu thràithe air a' mhìos ach tha e a' faighinn foillseachadh eadar-nàiseanta - air an eadar-lìon - oidhche Dhiardaoin airson cothrom a thoirt do Chanàidianaich a bhith na luib.

Fear-seilg le bèin 'son a reic ri Companaidh Bhàgh Hudson sa Ghearran 1946
A' tarraing bho dhiofar chunntasan tha leabhar Aonghais Dhòmhnallaich a' dèanamh deilbh air dè a thug air na fir a dhol thar sàile a shireadh obrach, an obair a rinn iad 's iad ann agus na dùbhlain a bha mun coinneamh.
A thuilleadh air a bhith ag innse sgeulachdan nam fear tha an leabhar cuideachd a' togail air gnìomhachas bèin Aimearagaidh a Tuath agus air an obair taisgealaidh a bha a' dol air adhart san Artaig aig an àm.
'S ann à Beàrnaraigh a tha Aonghas bho thùs agus 's e ceangal teaghlaich a thug air tòiseachadh a' rannsachadh na cùise.
"Tha mi a' smaoineachadh ann an 2009, no uaireigin mar sin, rinn Comunn Eachdraidh Ùige beagan rannsachaidh air a' chuspair agus fhuair iad a-mach gun robh tòrr dhaoine sa sgìre air a dhol a-null a dh'obair aig a' chompanaidh ann am malairt nam bian, agus 's e fear aca mo shean-shean-sheanair, à Capadal ann an Uig.
"'S e rud iongantach a bha sin dhomh agus thòisich mi a' rannsachadh," thuirt e.
Chaidh Fearchar Dòmhnallach fhastadh leis a' chompanaidh tràth sna 1830an agus bhiodh e ag obair air na bàtaichean a' dol suas Bàgh Hudson agus a' reic stuth ri na tùsanaich.
Às dèidh bliadhna no dhà chaidh e chun a' chosta an iar gu Fort Vancover agus bha e bliadhnaichean ag obair air an SS Beaver ann an sin.
Thill e a Leòdhas an dèidh seachd bliadhna.

Chromolithograph le G. Hartwig de luchd-malairt bèin a' giulain canù thar "portage" ann an Canada mu 1874
Leis an rannsachadh a rinn Aonghas thuig e gur e cuspair farsaing a bh' ann agus gun robh ceangal aige ris a h-uile sgìre de Leòdhas.
Tha ceanglaichean làidir aig Arcaibh leis a' chompanaidh cuideachd agus tòrr às na h-eileanan sin ag obair innte.
"Tha tòrr air a sgrìobhadh mun eachdraidh ann an Arcaibh agus tha iad gu math pròiseil mun eachdraidh shuas ann an sin. Tha na taighean-tasgaidh ann an Stromness agus na h-àitichean mar sin làn dhen stuth a thug daoine dhachaigh.
"Ach ann an Leòdhas chan eil càil sam bith ri fhaicinn agus sin an rud a tha a' cur iongnadh ormsa.
"Bha fear ann, Ruairidh MacPhàrlain à Steòrnabhagh agus bha esan a' cruinneachadh tòrr stuth bho na tùsanaich shuas gu tuath agus chaidh a h-uile càil a tha sin a chur gu Institiud an Smithsonian ann an Washington agus tha iad ann fhathast ri fhaicinn ann an sin," thuirt e.
Tha Aonghas ag ràdh gun robh còmhradh aige le tè à Steòrnabhagh bho chionn ghoirid a thuirt ris gun robh oidhirp ga dhèanamh ceanglaichean a dhèanamh leis an Smithsonian.
Dh'fhaodadh gum faigh sgeulachd fir Leòdhais aig Companaidh Bhàgh Hudson barrachd aire fhathast.
