Ùine a bharrachd ga h-iarraidh a thaobh cìs turasachd air a' Ghàidhealtachd

Drochaid an Eilein SgitheanaichTùs an deilbh, Maree NicNeacail
  • Air fhoillseachadh

Tha Caidreachas nan Gnothachasan Beaga air a' Ghàidhealtachd ag iarraidh air Comhairle na Gàidhealtachd ùine a bharrachd a ghabhail airson cìs turasachd a leasachadh.

Tha co-chomhairle air cìs turasachd aig tuath a' tighinn gu crìch Diluain.

Tha dragh air Caidreachas nan Gnothachasan Beaga mun bhuaidh air gnothaichean mar làraichean-campachaidh gu sònraichte.

Thuirt Mike Duncan bhon bhuidhinn gu bheil gnìomhachas na turasachd fhathast a' faighinn seachad air buaidh a' phandemic.

Tha dragh ann, thuirt e, gun tèid luchd-turais a dh'àitichean eile ma thèid cìs turasachd a chur an sàs air a' Ghàidhealtachd.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gum bi iad a-nis ri ath-sgrùdadh air na planaichean gus dèiligeadh ri draghan a th' air èirigh mun phlana airson cìs turasachd ionadail.

Tha iad mar-thà air a' cho-chomhairle a leudachadh.

Chuala draghan ann an Earra-Ghàidheal is Bòd an t-seachdain seo chaidh mu na planaichean 'son cìs turasachd an sin.

Thuirt cuid ann am Muile is Eilean Ì gur e "cìs air beatha eileanach" a th' ann.

Tha a' cho-chomhairle ann an Earra-Ghàidheal is Bòd, taobh a-muigh fosgailte chun an 10mh là den Ghiblean.