"Chan fhaigh mi an t-airgead air ais. Tha e air falbh"

Fear le falt dorcha agus speuclairean a' coimhead gu dìreach ris a' chamaraTùs an deilbh, Ùisdean MacFhionghain
  • Air fhoillseachadh

Bha Ùisdean MacFhionghain feargach leis fhèin nuair a thuig e na thachair dha.

Ged tha e a' fuireach aig cridhe saoghail an uisge-bheatha, ann an Ìle, chaill e na mìltean notaichean air an stuth.

"Thug mi £20,000 dhan duine tha seo," thuirt e. "Agus chaidh e a-mach à sealladh."

Tha e a-niste a' toirt rabhadh do dhaoine eile a tha a' beachdachadh airgead a chur ri gnìomhachas an uisge-bheatha an aire a thoirt mus tèid brath a ghabhail orra - fiù 's le caraidean.

Chaidh na milleanan notaichean a chall ann an Alba, ri foill ann an uisge-beatha, le cuid de dhaoine a' cur gach sgillinn ruadh a bh' aca an sàs.

Tha Ìle ainmeil 'son a cuid thaighean-staile agus an toradh luachmhor a tha a' struthadh àsta.

Ach fiù 's an seo tha cuid air airgead mòr a chall ann an sgeamaichean den t-seòrsa.

Ùisdean MacFhionghainTùs an deilbh, Ùisdean MacFhionghain

Chan eil e neo-àbhaisteach do mhuinntirr Ìle botal no dhà a cheannach is a reic, gu h-àraid botail shònraichte nach fhaighear ach bho na taighean-staile fhèin.

Chaidh caraid de dh'Ùisdean gu mòr an sàs ann a bhith gan reic gu h-eadar-nàiseanta.

Aon là, ann an 2023, thàinig e le cothrom ùr gus botail fior luachmhòr a reic.

An trioblaid?

"Cha robh an t-airgead aige gus na botail a cheannach sa chiad aite," dh'innis Ùisdean.

"Am biodh ùidh agamsa a dhol còmhla ris airson na botail fhaghainn?" dh'fhaighnich a charaid.

Gheall e gum faigheadh Ùisdean airgead air ais - le prothaid - air an ath-sheachdain.

"Thug mi £20,000 dhan duine tha seo," dh'aidich Ùisdean.

"Agus bha h-uile càil a' dol mar a bha mi an dùil.

"Ach às dèidh dà sheachdain cha d' fhuair mi m' airgead air ais."

Chaidh na seachdainean nam mìosan, gun fhiosta.

Bha Ùisdean ag obair aig muir nuair a thainig fathannan bhon choimhearsnachd: theich an duine far an eilein, a' toirt airgead Ùisdean is grunn neach eile còmhla ris.

"Chan fhaca mi bhon uairsin e," dh'innis e.

"Sona an-dràsta"

Chaidh Ùisdean a shireadh comhairle bho luchd-lagha agus Biùro Comhairleachaidh a' Phobaill, ach cha robh dad ann a b' urrainn dhaibh a dhèanamh.

"An toiseach bha mi feargach leam fhèin," thuirt e.

Gheibheadh e teachdaireachd teacsa bho àm gu àm bhon duine a theich air, a' gealltainn gum faigheadh e an t-airgead air ais.

Ann an dòigh bha e fortanach - thar grunn mhìosan fhuair e faisg air dàrna leth an airgid air ais bhon fhear-malairt.

Ach chan eil e air dad a chluinntinn bho dheireadh 2023.

Disclosure: Hunting the Whisky Bandits

Disclosure air BBC Scotland le sùil air foill ann an uisge-beatha

Tha Ùisdean airson aire a chur air a sgeulachd gus toirt air daoine a bhith mothachail nach iad srainnsearan a-mhàin a tha buailteach brath a ghabhail.

"Fiù 's ma tha thu eòlach air 'son dà bhliadhna no sia bliadhna no deich bliadhna," thuirt e.

"Ma tha thu an sàs ann an sgeama agus - duilich 'son na Beurla - ach 'if it sounds too good to be true, it probably is.'"

Tha e a-niste a' feuchainn ri gluasad air adhart le a bheatha.

"Ma gheibh mi an t-airgead uile air ais bidh mi gu math toilichte. Ach chan urrainn dhomh a bhith a' smaoineachadh mu dheidhinn gach là, fad an là. Bhithinn a' dol às mo rian.

"Tha mi sona an-dràsta. Agus sin an rud a dh'fheumas tu a bhith.

"Chan fhaigh mi an t-airgead air ais. Tha e air falbh.

"Ach tha e nas fheàrr dhomhsa dìreach gluasad air adhart."