Clach air muin cloiche, togar gàrradh

Clachaireachd
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh Dave Goulder a' teagasg sgilean clachaireachd do dhaoine sean is òg air Ghàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh

Ri oir iomadh pàirce air tuathanasan air feadh na dùthcha, tha seann ghàrraidhean-cloiche.

Tha cuid aca na ceudan bhliadhnaichean de dh'aois, 's tha cuid a tha gu math nas òige.

Chan eil an comas a th' ann a bhith gan togail idir cumanta an-diugh ge-tà, ged a tha e fhathast aig cuid.

Tha daoine air a bhith a' togail a leithid le clachan bho linn cogadh nan con, ach a dh'aindeoin a h-uile adhartais tha ùidh fhathast aig daoine - cuid aca òg - an sgil ionnsachadh.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Tha Dave Goulder 86, 's tha e air a bhith a' fuireach air Ghàidhealtachd airson 63 bliadhna.

Thàinig e a dh'Alba à Sasainn anns na 1950an.

Chunnaic e sanas-obrach airson cùrsa clachaireachd ann an Druim na Drochaid, agus dh'ionnsaich e a cheàird.

"Bha an sgil, cha robh e air a chall gu tur, ach ann am mòran àiteachan bha e, oir bha cothrom aig daoine air stuthan feansaidh saora," thuirt e.

"Bha sin na bu luaithe 's mòran bu shaoire."

Ùird nan laighe air muin cloiche air a còmhdach le còinnich

A-niste, bidh Dave a' toirt leasanan seachad do shean is òg.

"Bidh daoine òga a' tighinn air na cùrsaichean, 's tha e a' sìor chur iongnadh orm gum bi iad a' nochdadh," thuirt e.

"Bidh mi tric a' faighneachd 'dè gheibh thusa às seo?' agus bidh cuid aca a' tighinn à tuathanasan, 's cuid aca a' toirt seachad an aon sheòrsa fhreagairtean 's a bhios na h-inbhich - 'tha dìreach ùidh agam ann. Rud a shaoil mi a chòrdadh rium a dhèanamh'."

Clachaireachd

Chìthear gàrraidhean cloiche a' roinn phàircean o chèile air tuathanasan air feadh na dùthcha.

A rèir an aonaidh a tha a' riochdachadh chlachairean, tha còrr air 200,000 cilemeatair de ghàrraidhean-cloiche anns an Rìoghachd Aonaichte.

Tha a' mhòr-chuid dhiubh ge-tà, ann an droch staid.

Tha iad air leth cudromach mar phàirt de chruth na tìre.

Cara Chamshron
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Cara Chamshron ag ràdh gu bheil na gàrraidhean air leth cudromach ann an sgìrean leithid Chataibh

"Tha na gàrraidhean-cloiche riatanach dhan àrainneachd a th' againn an seo ann an Cataibh," thuirt Cara Chamshroin, à Buidheann Trèanaidh Dhùthchail Lochview.

"Tha an trèanadh 's an dealas a th' aig Dave airson dèanamh cinnteach gum bi na gàrraidhean seo air an togail gu susbainteach ann an dòigh a mhaireas, tha sin dìreach a' sealltainn troimhe anns a h-uile rud a bhios e a' dèanamh an seo."

Tommy Agnew
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Tommy Agnew à Drochaid a' Bhanna ag ràdh gu bheil e cudromach na sgilean seo a chumail a' dol

Do mhòran, leithid Tommy Agnew à Drochaid a' Bhanna, 's e cur-seachad a th' ann.

"Air Ghàidhealtachd tha mòran seann sgilean againn air a bheil daoine òga a' call cothrom leis gum feum iad falbh," thuirt e.

"Feumaidh sinn na sgilean seo a chumail beò.

"'S e Dave an seòrsa duine a tha a' dol a chumail sin a' dol 's ùidh a chumail suas ann."

Dave

Tha Mgr Goulder air duais BEM fhaighinn airson na h-obrach a tha e a' dèanamh gus na sgilean seo a chumail beò.

Chan eil planaichean sam bith aige stad ge-tà, 's e a' sìor fhalbh air a' mhotar-baidhseagal aige a thoirt seachad trèanaidh air feadh cheann a tuath na Gàidhealtachd.