Dàil ga iarraidh air reic Oighreachd Chlann Dòmhnaill

Nochd sluagh ann an Ceann a Deas an Eilein Sgitheanaich Didòmhnaich gus fianais a thogail an aghaidh mar a chaidh Oighreachd Cheann a Deas Shlèite air a' mhargaidh.
- Air fhoillseachadh
Chaidh dàil iarraidh ann a bhith a' reic oighreachd Chlann Dòmhnaill san Eilean Sgitheanach.
Chaidh innse an t-seachdain seo chaidh gu bheil an oighreachd ga reic, air prìs £6,750,000.
Nochd sluagh san sgìre Didòmhnaich gus fianais a thogail an aghaidh mar a chaidh an oighreachd air a' mhargaidh.
Thuirt riochdairean coimhearsnachd nach deach conaltradh sam bith a dhèanamh leotha mus do nochd an naidheachd is gu bheil fearg am measg an t-sluaigh.
Tha iad a' faighinn taice bhon bhuidhinn Fearann Coimhearsnachd na h-Alba, a tha a' riochdachadh uachdaran coimhearsnachd.
Tha iadsan ag ràdh gum bu chòir Urras Fearainn Chlann Dòmhnaill ùine a thoirt dhan choimhearsnachd gus beachdachadh air na roghainnean aca.
"Chaidh fios a sgaoileadh gun robh an oighreachd ga reic gu h-obann agus chuir sin iongnadh air daoine. Chuir e cais orra gu ìre," thuirt Norrie MacIllfhinnein, bho Fhearann Coimhearsnachd na h-Alba.
"Tha iad a' smaoineachadh gum bu chòir ùine a bhith aig a' choimhearsnachd beachdachadh air dè tha iad airson a dhèanamh.
"A bheil dòigh ann anns am b' urrainn dhan choimhearsnachd buannachadh às an t-suidheachadh seo? Am bu chòir dhaibh a bhith a' coimhead ri 's dòcha pàirt den fhearann a cheannach?
"Tha sinne airson taic a chur riutha gus am faigh iad cothrom beachdachadh air ciamar a ghabhadh buannachd fhaighinn dhan choimhearsnachd," thuirt e.
Fianais ga togail an Slèite Didòmhnaich
Duilgheadas Mòr
Fon reachdas a th' ann, chan eil dleastanas laghail air uachdaran co-chomhairle a dhèanamh leis a' choimhearsnachd mus cuirear oighreachd air a' mhargaidh, no ùine bheachdachaidh a thoirt dhaibh.
"Chan fheum iad sin a dhèanamh a thaobh an lagha, agus nar beachd-ne, tha sin na dhuilgheadas mòr ann an Alba", thuirt Mgr MacIllfhinnein
"Tha sinne ag obair gus sin atharrachadh, gus am feum uchdaran innse dhan choimhearsnachd ann an ùine mhath ro làimh gu bheil iad a' dol a reic na h-oighreachd," thuirt e.

Bile an Fhearainn
Tha Bile ùr an Fhearainn a' dol tro Phàrlamaid na h-Alba an-dràsta, agus tha Fearann Coimhearsnachd na h-Alba ag iarraidh leasachadh fhaicinn air a' bhile mar a tha e an-dràsta.
Tha iad am measg na tha ag ràdh gum feum am bile a bhith air a neartachadh.
"Nì e an suidheachadh beagan nas fheàrr agus tha e a' gluasad gu ìre a dh'ionnsaigh barrachd uallaich a bhith air uachdaran gus innse ma tha iad a' dol a reic oighreachd, ma tha iad a' dol a dhèanamh leasachaidhean air an oighreachd," thuirt Mgr MacIllInnein.
"Ach chan eil e a' dol fada gu leòr nar beachd.
"Bu chòir dha a bhith tòrr na bu shoilleire agus na bu chinntiche gu bheil ùine mhath ann - 's dòcha dà mhìos, 's dòcha trì mìosan, 's dòcha ceithir mìosan - do choimhearsnachd fios a bhith aca ro làimh gus am faigh iad cothrom beachdachadh.
"Agus 's e an dàrna rud mòr, 's e gum biodh deuchainn buannachd a' phobaill ann, gum biodh plana manaidsearachd fearainn ann far a bheil neach a tha a' dol a cheannach na h-oighreachd ag innse dè tha iad a' dol a dhèanamh leis."
Tha am BBC air beachd iarraidh bho Urras Fearann Chlann Dòmhnaill mu na thuirt Fearann Coimhearsnachd na h-Alba.