Misneachd: "Neartaich Bile nan Cànanan Albannach"

Siabost
  • Air fhoillseachadh

Tha a' bhuidheann iomairt Misneachd air litir fhosgailte a sgrìobhadh, ris an do chuir 637 duine an ainm, gu buill na Pàrlamaid Albannaich ag iarraidh gun neartaichear Bile nan Cànanan Albannach., taobh a-muigh

Thèid an treas ìre den bhile, a tha ag amas air inbhe agus suidheachadh nan cànanan an Alba a dhaigneachadh, a dheasbad a dh'aithghearr.

Fhuair a' chiad ìre den bhile taic ann am prionnsabal, ach le draghan gun robh an còrr a dhìth.

Chaidh grunn atharrachaidhean an uairsin a chur air adhart aig an dàrna ìre.

Chuir Misneachd fàilte air brath a thug an Leas-Phrìomh Mhinistear, Ceit Fhoirbeis, seachad o chionn ghoirid gun robh i a' coimhead ri neartachadh a dhèanamh air a' bhile.

Ach tha dragh orra nach eil am bile mar a tha e a' soillearachadh mar a dh'obraicheadh Sgìrean Sònraichte Cànain gu sònraichte gu practaigeach.

Anns an litir fhosgailte, taobh a-muigh, thog iad air aithris a rinn BBC Naidheachdan mu staid na Gàidhlig ann an Siabost, air taobh siar Leòdhais, mar eisimpleir air cho cudromach 's a tha planaichean cànain ionadail, agus oifigearan cànain ionadail, agus den chron a nìthear le bhith a' toirt a leithid air falbh.

Thog a' bhuidheann cuideachd air cho cudromach 's a tha e gum bi an cànan ga toirt seachad sa choimhearsnachd airson cur ri oidhirpean foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig.

Mhol iad gun deadh soillearachadh a bharrachd a chur ris a' bhile mu mar a dh'obraicheadh na Sgìrean Sònraichte Cànain, agus Comhairle nan Eilean Siar air a ràdh gum biodh iad an dùil an sgìre air fad a chomharrachadh fon leithid de dh'inbhe.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Rhona NicDhùghaill bho Mhisneachd a' bruidhinn air Aithris na Maidne Diluain

Tha Misneachd ag ràdh ge-tà, gur e a b' fheàrr ach nan deadh grunn sgìrean beaga, taobh ri chèile, a chur an sàs air feadh nan Eilean Siar, le oifigearan leasachaidh cànain agus planaichean cànain fa leth, a' togail air eisimpleirean a chunnacas ann an Èirinn.

"Tha fàilte ron seo, ach tha sinne den bheachd gum biodh e iomchaidh grunn Sgìrean Sònraichte Cànain, gach tè aca le plana cànain ionadail, fo sgèith buidhne coimhearsnachd ionadail agus oifigeir leasachaidh cànain," thuirt an litir.

"Gu h-èifeachdach, dhèanadh seo daingneachadh air an lìonra de dh'oifigearan cànain a th' ann mar thà ... agus barrachd inbhe is seasmhachd a thoirt don obair aca.

"'S e aon mhodal air am faoidte coimhead siostam dealbhachaidh reachdail cànain na h-Èireann a chaidh a chur an sàs ann an 2012.

"Tha seo a' briseadh suas nan sgìrean Gaeltachta (far a bheil an cànan fhathast air bilean an t-sluaigh) nan sgìrean dealbhachaidh cànain (mòran aca làimh ri chèile) agus cuideachd a' ceadachadh gun gairmear sgìrean taobh a-muigh na Gaeltachta mar Lìonraidhean Cànain na Gaeilge.

"Fon t-siostam seo, tha 47 plana cànain coimhearsnachd an-dràsta ag obrachadh air feadh na h-Èireann gach cuid ann an sgìrean dùthchail agus bailteil, a' toirt seachad beartas de dh'eisimpleirean de shàr-chleachdadh a thuilleadh air frèama-obrach a dh'fhaodadh a bhith air atharrachadh a rèir suidheachadh Gàidhlig na h-Alba."

Thuirt an litir cuideachd gur ann ag amas air cur ris na thathas a' moladh airson Sgìrean Sònraichte Cànain a tha na molaidhean acasan, seach a bhith a' cur nan aghaidh.