'S e CnES a' chiad ùghdarras ionadail am Breatainn a nì connadh à sgudal
- Air fhoillseachadh
Thèid truilleis an Uibhist is Bharraigh nach gabh ath-chuairteachadh a thionndadh gu connadh sa chiad phròiseact de a leithid ann an sgìre comhairle sa Rìoghachd Aonaichte.
Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gun toir seo lùghdachadh mòr air na thathas a' giùlain de sgudal sa sgìre ann an làraidhean agus bàtaichean-aiseig.
'S àbhaist do sgudal dachaigh agus coimeirsealta às na h-eileanan mu dheas a bhith air a thoirt dhan òtrach air iomall Steòrnabhaigh còrr is 90 mìle air falbh.
Tha a' chomhairle gu bhith ag obair an co-bhonn leis a' chompanaidh bith-theicneòlas Advetec thairis air an ath ochd bliadhna air pròiseact £1.2m airson 10 tunnaichean de sgudal pocannan dubha sa là a thionndadh gu connadh ris an canar Solid Recovered Fuel (SRF).
Tha SRF ga chleachdadh an àite guail agus seach connadh eile ann an itealain.
'S ann aig ionad-sgudail Bheinn na Faoghla a bhios an t-inneal-lobhaidh XO22 aig Advetec stèidhichte.
Bidh e a' briseadh sìos stuth organach le bhith a' cleachdadh measgachadh sònraichte de bhaictearan.
Gabhaidh an connadh a thig às a' phròiseas seo cleachdadh airson dealan agus teas a chruthachadh, agus tha e a' sgaoileadh 95% nas lugha de charbon dhan àrainneachd na tha connaidhean fosail.
Tha fèill mhòr air a' chonnadh aig cuid de na gnìomhachasan as motha a bhios a' cur a-mach carboin air feadh an t-saoghail agus iad a' feuchainn gun a bhith a' crochadh cho mòr air cumhachd thraidiseanta.
Thuirt Ceannard Comhairle nan Eilean Siar, an Comh Pòl Steele: "'S e fuasgladh seasmhach a tha ann a bhith a' tionndadh sgudail mar seo gu connadh agus rud luachmhòr a chruthachadh à stuth anns nach robh mòran feum.
"Tha e cuideachd gar fàgail deiseil airson dèiligeadh ris a' chasg a thig a-steach ann an 2026 air sgudal bith-chnàmhach a bhith air a thiodhlacadh."
Tha an casg seo mar phàirt de dh'iomairt an riaghaltais gun na h-uimhir de sgudal a chur dhan talamh, nam measg stuth a dh'fhaodadh a bhith air ath-chuairteachadh ach a tha air a thruailleadh le biadh agus nithean uisgeach.
Tha am bith-teicneòlas aig Advetec a' fàgail gun gabh connadh giullachd às an stuth thruaillte seo.
Tha dùil ris an inneal-lobhaidh XO22 aig a' chompanaidh ann am Beinn na Faoghla tràth sa bhliadhn' ùir.