"Cho luath 's a thàinig mi às a' chàr ann an Damascus, bha e mar nach robh mi riamh air fàgail"

- Air fhoillseachadh
Tha Kefah na sgrìobhadair is i stèidhichte ann am Berlin, baile far an do rinn i a dachaigh às dèidh dhi teicheadh à Siria ann an 2013.
Bha i am measg nam milleanan a chuir cùl ri dùthaich an àraich ri linn a' chogaidh fhuiltich a thòisich ann an Siria ann an 2011, is am measg còrr is millean Sirianach a tha an-diugh a' fuireach sa Ghearmailt.
Às dèidh dha riaghaltas Assad tuiteam an-uiridh, tha fear-naidheachd Eòrpa, Alasdair Friseal, air a bhith a' coinneachadh ri Sirianaich ann an Alba agus anns a' Ghearmailt, a' cluinntinn mu na thug orra Siria fhàgail, na slighean a ghabh iad dhan Roinn Eòrpa, am beatha an-diugh, agus dè tha fa-near dhaibh a-nise.
Dh'innis Kefah dha Eòrpa mar a chaidh geur-leanmhainn a dhèanamh oirre airson na bha i a' dèanamh gus cur an aghaidh riaghaltas Assad.
"Bha mi sa phrìosan trì tursan, is an dèidh sin chuir an Riaghaltas cuideigin às mo dhèidh airson mo mharbhadh. Ma bha mi airson a bhith beò, bhiodh agam ri teicheadh," thuirt i.
"Dh'fhàg mi an dùthaich aig deireadh 2013 tro na beanntan gu Lebanon le mùtairean. Cha do chòrd e rium, 's chan eil e a' còrdadh rium fhathast.
Eòrpa: Beatha an dèidh Assad
Tha Alasdair Friseal a’ coinneachadh ri Sirianaich ann an Alba agus sa Ghearmailt, an dèidh do riaghaltas a’ Chinn-suidhe Assad tuiteam.
"'S e an rud bu duilghe bh' agam ri dhèanamh riamh, or bha dòchas agam fhathast gun rachadh againn suidheachadh Shiria atharrachadh."
Leis gu bheil linn Assad a-nise mu dheireadh thall air tighinn gu ceann, tha Kefah an dùil tilleadh dhachaigh.
Nì i sin, tha i ag ràdh, cho luath 's a gheibh i fhèin is an duine aice obraichean.
Ach ghabh i cothrom mar-thà turas a ghabhail gu Siria nuair a thuit an Riaghaltas a bh' ann.
"Bha mi a' caoineadh fad na slighe bho Lebanon gu Damascus," dh'innis i do dh'Eòrpa.
"Bha an t-eagal orm nach biodh cuimhne agam air na sràidean. Nach biodh cuimhne agam cò ris a bha beatha an sin coltach. Ach cho luath 's a thàinig mi às a' chàr ann an Damascus, bha e mar gun robh mi ann an là ron sin, mar nach robh mi riamh air fàgail."

Tha Ahmad am measg Shirianach a rinn an dachaigh ann an Alba is e an-diugh na dhealbhadair ann an Glaschu.
Mhìnich esan mar a bha e ann an 2012 aig aois 16 an làthair còmhla ris na ceudan ann am baile Daraa aig tiodhlacadh balaich eile a chaidh a mharbhadh le feachdan an Riaghaltais
"Thòisich saighdearan an Riaghaltais a' losgadh air daoine, gun diù. Lèirsgrios a bh' ann. Mise aon den fheadhainn a fhuair beò às."
Aig aois 17 agus e aig sgoil-ealain ann an Damascus, chaidh Ahmad an uairsin a dhroch ghoirteachadh ann an ionnsaigh boma is e fhèin a-mhàin à buidheann de charaidean a thàinig às beò.
Thuirt Ahmad nach robh dol às aige ach Siria fhàgail.
Cho luath 's a thuit riaghaltas Assad, chaidh e dhachaidh gus an teàghlach aige fhaicinn.
"Fad 14 bliadhna, cha rachadh aig duine gàirdeachas a dhèanamh. Ach tha toileachas a-nis air feadh an àite," thuirt e.

A' beachdachadh air an fheadhainn a dh'innis na sgeulachdan aca do Eòrpa, thuirt Alasdair Friseal: "Bha a h-uile duine ris na do choinnich sinn cho misneachail a-nis mun àm ri teachd.
"Tha Siria saor bho Bashar al-Assad ach chan eil sin idir a' ciallachadh gu bheil e gu bhith furasta do dhaoine tilleadh.
"Feumar pàirtean den duthaich a thogail às ùr, is chan eil suideachadh tèarainteachd na dùthcha ach cugallach fhathast.
"Tha daoine cuideachd air dàimhean a thogail anns na dùthchanan a thug tèarmann dhaibh."
Chìthear Eòrpa air BBC ALBA Diciadain aig 9:00f is tha e ri fhaighinn cuideachd air iPlayer a' BhBC.