Fiosrachadh mu thaighean eadar-amail san Àth Leathann
- Air fhoillseachadh
Thèid fiosrachadh mu choinneamh comataidh dealbhachaidh Chomhairle na Gàidhealtachd Dimàirt mu phlana airson dachaighean rè ùine a thogail do na ceudan luchd-obrach faisg air an Àth Leathainn.
Seo a' chiad cheum ann an oidhirp cead dealbhachaidh fhaighinn don phròiseact, ach tha e mar-thà air connspaid adhbhrachadh agus grunn cheistean gan togail san sgìre.
Thèid aithisg air beulaibh na comataidh mu phlana gus toglaichean eadar-amail a stèidheachadh san Àth Leathann airson luchd-obrach a bhiodh an sàs ann am pròiseact na loidhne-dealain tron Eilean Sgitheanach a leasachadh.
Tha a' chompanaidh, Sodexo Energy, airson àiteachan fuirich 's goireasan eile a stèidheachadh airson 350 neach a rachadh a thoirt a-nuas a-rithist an ceann còig bliadhna.
Bhiodh e laimh ris an rathad eadar an t-Àth Leathann agus Ealaghol.
Chan e iarrtas cead-dealbhachaidh a th' ann aig an ìre-sa, ach ro shealladh dhan chomhairle air na planaichean.
Connspaid
Ach ged a tha na planaichean fhathast aig ìre gu math tràth, tha leasachadh cho mòr seo air ceistean a thogail mu thaigheadas agus mu sheirbheisean slàinte anns an eilean.
Agus tha cuid air na molaidhean seo a chàineadh mar-thà.
Tha Ball-Pàrlamaid Albannach na sgìre Ceit Fhoirbeis air innse gu bheil ise mì-thoilichte nach eil, aig an ìre-sa, taigheadas maireannach sam bith ga mholadh an lùib nam planaichean seo.
Cuideachd, cha d' fhuair an obair leasachaidh a tha SSEN airson a dhèanamh - an dearbh adhbhar airson nam molaidhean seo - cead fhathast.
Ceistean
Airson leasachaidhean cho mòr ris an seo, feumar fios a sgaoileadh co-dhiù 12 seachdain mus cuir a'chompanaich iarrtas a-steach airson cead dealbhachaidh.
Bidh an ceum seo a' toirt cothroim do chomhairlichean ceistean no dragh a thogail.
Dh'fhaodadh gun tèid na beachdan sin a thoirt a-steach dhan iarrtas nuair a thèid sin a chur air adhart aig a' cheann thall. Mar sin 's e cothrom a th' ann do riochdairean an eilein a dhol an sàs aig ìre gu math tràth.
Tha a' bhuidheann a th'air cùlaibh an tagraidh seo mar-thà air aon thachartas a chumail, taisbeanadh poblach agus tha iad an dùil fear eile a chumail.
Bidh sin a' tachairt Dimàirt an 20mh den Ògmhios, ann an Talla a' bhaile anns Àth Leathainn is bidh e fosgailte dhan phoball eadar 3f agus 7f.