A' beathachadh a' Bhradain Fheasa

Uisge Èireann aig DulasaidhTùs an deilbh, Richard Webb/Geograph
  • Air fhoillseachadh

Tha pròiseact air iomall an ear na Gàidhealtachd ag amas air bradan fiadhaich a ghlèidheadh bho bhuaidh na h-aimsire, 's aig a' cheart àm dàimh mhuinntir an àite ri tè de na h-aibhnichean as bòidhche an Alba a neartachadh.

Cuiridh e iongnadh air daoine nuair a chì iad gur e Uisge Èireann a' Ghàidhlig air "The River Findhorn".

Chan e ainm coltach a th' ann idir. Ach b' e dìochuimhne a dhèanamh a bha sin air abhainn eile le ainm coltach ris - an Deveron ann an Siorrachd Bhainbh.

'S e a' Ghàidhlig air an Deveron, Uisge Dubh Èireann, agus tha toiseach dreach Beurla ainm na Findhorn a' tighinn à Fionn. Fionn-Èireann.

Carson a tha ceangal ri Èirinn ge-tà? Uill tha dùil gur ann air bàn-dia flaitheamhnais (sovereignty goddess) a tha an abhainn air ainmeachadh.

'S fhiach seo a mhìneachadh ann am beagan doimhneachd - oir tha e beagan toinnte, agus ceangailte ri gu leòr de dh'ainmean-àite na h-Alba.

Tùs an deilbh, TEÀRLACH QUINNELL
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Uisge Èireann an-diugh - Fionn-Èireann mar a bha - na sruth aonaranach

O chionn fhada, bha soirbheachas an t-sluaigh air an fhearann ga fhaicinn mar bheannachadh o dhia, no bàn-dia sònraichte.

Tha ainm na h-Èireann fhèin "Éire" a' tighinn on bhàn-dia Ériu - mar sin am facal Èireann - a' ciallachadh "de mhuinntir Ériu".

'S e a th' anns an dà abhainn ainmeil seo ma-tha, ach aibhnichean a bha coisrigte a chùm maith sluaigh a bha ag adhradh Ériu.

Chan eil e cho sìmplidh sin - oir tha grunn ainmean air Èirinn gu traidiseanta. Thug mi iomradh air fear aca cheanna - Banbh.

Tha cuideachd Eilg ann - às an tàinig Eilginn agus Gleann Eilg, agus Fótla - às an tàinig Athall - Ath-Fhótla (Fótla-nuadh, mar gum biodh).

Ma chuir sluagh ainm mar sin air abhainn, bha an abhainn sin gu math cudromach dhaibh, agus iad a' faireachdainn dlùth-cheangal rithe.

Gu dearbha, 's ann a bhiodh iad faiceallach gun milleadh no truailleadh a dhèanamh oirre.

Tùs an deilbh, TEÀRLACH QUINNELL
Fo-thiotal an deilbh,

'S e bhith air bhog air an abhainn àlainn seo an dòigh as fheàrr air a bòidhchead fhaicinn - agus gu fortanach chan e a h-uile duine a bhios a' dèanamh sin.

Tha Uisge Èireann an-diugh - Fionn-Èireann mar a bha - na sruth aonaranach.

Gu dearbha tha an t-aonarachd sin am measg nan rudan a tha ga fàgail prìseil agus dlùth dhan fheadhainn againn a tha eòlach oirre.

Chan eil baile susbainteach sam bith air a thogail air bruach na h-aibhne - rud a tha neo-àbhaisteach ann an Alba - agus i air tè de na h-aibhnichean as "fhiadhaiche", mar gum biodh, san dùthaich.

'S e bhith air bhog air an abhainn àlainn seo an dòigh as fheàrr air a bòidhchead fhaicinn - agus gu fortanach chan e a h-uile duine a bhios a' dèanamh sin.

Tha diofar oighreachdan a' dèanamh suas an t-sratha tro bheil i a' sruthadh - Srath Èireann - agus tha cho math 's a tha iasgach a' bhradain na phàirt de bhun-stèidh na h-eaconomaidh.

Ach tha am bradan - iasg a bha le ceangal ri gliocas dha na daoine a dh'ainmich an abhainn - ann an cunnart.

Tha seo fìor ann an grunn àiteachan san Roinn Eòrpa.

Tùs an deilbh, Iomairt Uisge Èireann
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Elle Adams, aig Iomairt Uisge Èireann, a' cur luach mhòir ann an dualchas Gàidhlig an t-sratha mar phàirt de dh'oidhirpean glèidhteachais

Ann an Uisge Èireann, tha dùil gu bheil an abhainn a' fàs nas blàithe le buaidh na h-aimsire, 's gu bheil sin am measg nan adhbharan airson cor a' bhradain fhiadhaich.

Tha pròiseact a' dol a tha ag amas air a' bhuaidh sin a lùghdachadh, agus aig a' cheart àm muinntir na sgìre a thoirt nas dlùithe dhan abhainn.

"Chaidh pìos rannsachaidh a dhèanamh o chionn bliadhna no dhà do Riaghaltas na h-Alba, a choimhead ri bhith ag aithneachadh càite a bu mhotha a bha an teòthachd ag èirigh, agus prìomhachas a thoirt do dh'àiteachan airson gnothach a ghabhail ris an t-suidheachadh," thuirt Elle Adams, a tha os cionn ro-innleachd Iomairt Uisge Èireann. , taobh a-muigh

"'S e tè de na dòighean as urrainn dhuinn buaidh na gnàth-shìde a lùghdachadh, a bhith ag ùrachadh choilltean air bruaichean aibhbnichean.

"A' cur barrachd chraobhan faisg air bruaichean aibhne, no a' leigeil leotha tilleadh gu nàdarra.

"Cuiridh sin dubhar air an abhainn, 's ìslichidh e teòthachd an uisge.

"Fàgaidh sin na h-aibhnichean nan àrainneachd nas fheàrr don bhradan òg, 's a' bheatha aca gu math cugallach aig na h-ìrean as tràithe," thuirt i.

Tùs an deilbh, TEÀRLACH QUINNELL
Fo-thiotal an deilbh,

Gu dearbha tha an t-aonarachd sin am measg nan rudan a tha ga fàgail prìseil agus dlùth dhan fheadhainn againn a tha eòlach oirre

A bharrachd air obair phractaigeach, tha am pròiseact air a' choimhearsnachd fhaighinn an sàs.

'S e pàirt dheth sin, a bhith a' trèanadh mhuinntir an àite air na dòighean as fheàrr air an abhainn a dhìon, agus tro dhiofar iomairtean a' feuchainn ris a' cheangal eadar a' choimhearsnachd agus an abhainn a dhoimhneachadh.

Tha dìleab na Gàidhlig ann an cruth na tìre na pàirt den dàimh sin.

"Nuair a choimheadas tu air na mapaichean chì thu gu bheil an t-uabhas de dh'ainmean Gàidhlig fhathast ann - gu h-àraid ma choimheadas tu ri seann mhapaichean," thuirt Elle.

"Tha na h-ainmean pailt dha-rìribh - na h-alltan beaga bìodach a tha seo a tha a' beathachadh na h-aibhne aig ceann shuas an t-sratha.

"Bha e soilleir dhuinn gun robh e cudromach gun tuigeamaid na h-ainmean.

"Chan eil Gàidhlig agamsa, ach tuigidh mi gu soilleir gun innis eadar-theangachadh nan aimean seo dhuinn far an robh gnèithean phlanntrais agus bheathaichean uaireigin na bu phailte na tha iad an-diugh.

"Cuiridh sin ris na h-iomairtean slànachaidh againn," thuirt i.

Tùs an deilbh, TEÀRLACH QUINNELL
Fo-thiotal an deilbh,

Tha ainmean Gàidhlig pailt ann an cruth na tìre cois na h-aibhne seo - leithid An Sgùrr, faisg air an t-Sleaghaidh

Chan eil cho fada sin bho chaidh a' Ghàidhlig bàs ann an Srath Èireann, 's i mu dheireadh ga bruidhinn ann an Ruadhainn, faisg air an Tom Aitinn, anns na 1980an.

Tha ceist an-diugh cò as pailte - am bradan no na Gàidheil - ach tha na h-ainmean, òrain agus sgeulachdan a dh'fhàg Gàidheil na sgìre againn mar dhìleab a-niste gan cleachdadh a chùm maith na h-àrainneachd.

Tha rannsachadh a' dol air adhart feuch dualchas nan òran 's nan sgeulachdan, a bharrachd air na h-ainmean - a chlàradh 's a chur fa chomhair an t-sluaigh.

"Tha iomadach rud a' toirt buaidh air a' bhradan," thuirt Elle.

"Tha cuairt-beatha cho iongantach aca a bhios iad a' gabhail a-mach gu muir 's cho fada air falbh ri Graonlainn agus Innis Tìle 's air ais a-rithist.

"Tha tòrr den turas sin air nach toir sinne buaidh sam bith.

"Ach ma bheir sinn ar n-aire gu bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil an abhainn fhèin ann an staid cho math 's a ghabhas dhaibh, tha sin a' toirt misneachd dhomhsa.

Tùs an deilbh, GETTY IMAGES
Fo-thiotal an deilbh,

Tha ceangal aig a' bhradan ri gliocas ann an sgeulachdan traidiseanta nan Gàidheal

"Saoilidh mi gur e na th' air a bhith cho inntinneach le bhith a' conaltradh ris a' choimhearsnachd, fhad 's a tha na h-ainmean Gàidhlig gun teagamh air a bhith a' fiosrachadh nam prìomhachasan eag-eòlais againn, tha iad cuideachd gad fhreumhachadh san àite gu mòr.

"A bhith a' tuigsinn na tha ainmean a' ciallachadh, no a bhith a' cluinntinn òran nach deach a chluinntinn o chionn deugachadh no ceudan de bhliadhnaichean, tha sin a' beathachadh nam freumhaichean sin, agus tuigse is ceangal ris an fhearann.

"Saoilidh sinne gu bheil sin a cheart cho cudromach ann a bhith a' cuideachadh dhaoine coimhead às dèidh an fhearainn seo san àm ri teachd," thuirt i.

Ann an sgeulachdan na Fèinne, bha naoi chraobhan calltainn a' fàs ri oir na Tobrach Segais, (Tobair na Tuigse).

Dh'ith bradan cnò às gach tè dhiubh, agus àsta fhuair an t-iasg gliocas gu lèir an domhain - am Bradan Feasa.

Guma fada a leagas calltainn cnòthan don bhradan ann am Fionn-Uisge Èireann.